Page 1 of 1

WordPress.com sa Ghàidhlig

Posted: Tue Apr 03, 2012 6:57 pm
by akerbeltz
Nise, eadar Alasdair MacCaluim 's mi fhìn, seo dhuibh goireas ùr: WordPress.com ann an Gàidhlig. Ma tha sibh cho tro chèile a thaobh dè an diofar eadar WordPress.com agus .org, feumaidh sibh òstair agus sgoil-dhubh airson bloga fhaighinn o WordPress.org (i.e. fèin-òstaireachd). Cha leig sibh a leas ach clàradh air WordPress.com (òstaireachd air WordPress) agus bidh beagan sanasachd ri fhaicinn 'na chois.

Ma tha bloga agaibh mu thràth, tha e furasta atharrachadh fo Users » Personal Settings

Image

No ma tha sin ro dhìomhair, tha ceangal ann fo Settings » General "You can also modify the interface language in your profile"

Image

Save Changes an uairsin, na dìochuimhnichibh!

Tha an t-eadar-theangachadh aig ~40% ach dh'aontaich WordPress a chur beò mu thràth ach ri linn sin, chì sibh Beurla fhathast an-siud 's an-seo.

Mur eil bloga agaibh air WordPress.com, gheibh sibh cunntas an-seo. Agus cuideachd, ma tha bloga agaibh air òstair eile, can Blogpress no àite mar sin agus ma tha sibh ag iarraidh gach rud ann an Gàidhlig, tha e furasta ion-phortadh a dhèanamh!

An dòchas gun còrd e ribh!