Seo mar a stàlaicheas tu an geama:
- Luchdaich an geama a-nuas air làrach-lìn Phingus is stàlaich e. Tha e ri fhaighinn airson Windows, MacOS X no Ubuntu.
- Faigh am faidhle cànan is neo-phaisg e. Bheir seo faidhle air a bheil gd.po dhut.
- Faigh lorg air a’ phasgan far an deach an geama a stàladh, m.e. C:\Program Files (x86)\Pingus\ air Windows 7. Cuir lethbhreac dhe gd.po dhan fo-phasgan data\po\, m.e. C:\Program Files (x86)\Pingus\data\po\ air Windows 7.
- Tòisich an geama. Dèan briogadh air Options.
- Dèan briogadh air ainm a’ chànain taobh deas an sgrìn gus an nochd Gaelic Scots. Dèan briogadh air “Dùin” is an uairsin fàg an geama.
- Tòisich an geama a-rithist. Tha e sa Ghàidhlig a-nis.
- Gus ionnsachadh ciamar a stiùiricheas tu na cinn-fhionn, rach air Sgeulachd. Seo far a bheil oideachadh a’ gheama.
- Sin agad e!