Page 1 of 1

Ràdh ùr - "Tog gun...."

Posted: Sat Dec 22, 2012 3:46 pm
by An Gobaire
Tog gun.....

Of course....!

Seo abairt ùr a dh'ionnsaich Gàidheal Uibhist dhomh bho chionn ghoirid.

Here's a wee phrase that I was taught by a Gael from Uist recently.
Tha e nas fheàrr ma chruthaicheas mi còmhradh beag airson sealltainn dhuibh ciamar a thathar ga cleachdadh.

It's better if I create a wee conversation to show you how it is used.

(Air a' fòn)

Màiri: Halò, a bheil Dòmhnall a-staigh?
Ealasaid: Tha. Fuirich diog.
Dòmhnall: Halò, Dòmhnall a' bruidhinn.
Màiri: A Dhòmhnaill, Màiri Nic a' Phearsain an seo.
Dòmhnall: A Mhàiri! Ciamar a tha thu?
Màiri: Tha gu math, tapadh leat. Tha sinn gu bhith a' cumail taigh-cèilidh an ath-sheachdain, ach tha fear an taighe a dhìth oirnn. Saoil an tig thu gus fear an taighe a dhèanamh dhuinn?
Dòmhnall: Tog gun tig! Bidh mi ro thoilichte a dhèanamh dhuibh.

Dòmhnall: Of course I'll come. (i.e absolutely, without question)

Re: Ràdh ùr - "Tog gun...."

Posted: Fri Dec 28, 2012 6:52 pm
by alasdair_maolchriosd
Rudeigin mar / something like "rise (to the occasion)"?

Re: Ràdh ùr - "Tog gun...."

Posted: Fri Dec 28, 2012 7:05 pm
by An Gobaire
Chan eil. Tog mar "pick up" san t-seagh "cha leig thu leas faighneachd" - no need to even ask me of course i'll do it.

Re: Ràdh ùr - "Tog gun...."

Posted: Fri Dec 28, 2012 7:08 pm
by An Gobaire
Ma "thogas" tu rudeigin tha thu ga thuigsinn.

Mar sin, "tog gun tig" - tha e ga thuigsinn gun tig mi. it's understood that I'll come.

Ràdh ùr - "Tog gun...."

Posted: Mon Sep 26, 2016 11:18 am
by akerbeltz
Chan e tog a th' ann idir ach do(gh), tha sin follaiseach ann an abairtean (Uibhisteach), tha an -g a' tighinn on fhacal 'na dhèidh gun, cf do(gh) nach dèan.

Ràdh ùr - "Tog gun...."

Posted: Wed Sep 28, 2016 6:42 am
by An Gobaire
An e gu dearbh!

'S e facal ùr a th' ann an "dogh" dhòmhsa.

Tapadh leat.

Ràdh ùr - "Tog gun...."

Posted: Wed Sep 28, 2016 2:33 pm
by GunChleoc
Agus seo na tha aig Dwelly's air. Tha sinn uile air an fhacal "dòcha" a chluinntinn, cha robh fios agam gun dàinig e o "dogh" idir :)