Page 1 of 1

"Comhairle a' diùltadh sgoil Ghàidhlig"

Posted: Wed Jul 17, 2013 3:36 pm
by Gràisg
"Chan eil dùil sam bith aig Comhairle nan Eilean Siar sgoil Ghàidhlig a stèidheachadh.

Choinnich a' Chomhairle ri Bòrd na Gàidhlig Dimàirt agus am Bòrd air ceist a thogail mu sgoil Ghàidhlig a stèidheachadh ann an Steòrnabhagh.

Tha Cathraiche Foghlaim na Comhairle, Catriona Stiùbhart, ag ràdh nach toireadh sgoil Ghàidhlig fa leth piseach sam bith air foghlam Gàidhlig agus gur ann a mhilleadh i sgoiltean le aonadan Gàidhlig."

Tuilleadh air larach a' BhBBC http://www.bbc.co.uk/naidheachdan/23341115

'S ann mar sin a tha cuisean sna h-Eileanan gu mi-fhortanach.

Re: "Comhairle a' diùltadh sgoil Ghàidhlig"

Posted: Tue Jul 23, 2013 4:23 pm
by Seonaidh
A bheil sgoil sam bith sna h-E.S. a tha gu tur Beurla? Agus ma tha, a bheil i a' milleadh nan sgoiltean far a bheil Beurla agus Gàidhlig ann?