Unread post
by Seonaidh » Sat Sep 28, 2013 11:26 pm
Seo (tha mi 'n dòchas) mo bheachdan air:-
Cunntas-sluaigh 2011: Dàn na Gàidhlig
Dè tha air tachairt ris a’ Ghàidhlig eadar 2001 agus 2011 ann an Alba? Tha i fhathast a’ crìonadh.
Tha cuid den t-sluagh aig a bheil Gàidhlig ag atharrachadh bho 0.3% ann an Dùn Phrìs is Gall-Ghaillimh gu 52.2% anns Na h-Eileanan Siar. Ann an Alba uile is 1.1%. Ach dè na h-atharrachaidhean as inntinneiche a tha air tachairt anns an deichead ud, 2001 gu 2011?
Tha Gàidhlig air tuiteam bho 1.16% gu 1.12% den t-sluagh. Mar àireamh, chan eil an tuiteam cho mòr, oir tha meudachadh air a bhith ann an àireamh-sluaigh na h-Alba (bho 5,062,011 gu 5,118,223: +56,212): tha àireamh an fheadhainn aig a bheil Gàidhlig air tuiteam bho 58,552 gu 57,375: -1,177 a-mhàin: sin e, lùghdachadh de 2% nuair a bhiodh an dùil lùghdachadh de 4% a rèir chuidean na Gàidhlig.
Ach chan eil na h-atharrachaidhean seo còmhnard air feadh na h-Alba idir. Mar eisimpleir, ann an Siorrachd Àir an Ear dh’èirich àireamh na Gàidhlig bho 383 gu 576: 57.2% a bharrachd na ’n dùil; nuair ann an Crìochan na h-Alba thuit àireamh na Gàidhlig bho 487 gu 375: 23.2% nas lugha na ’n dùil. Ach chan eil na h-àiteachan seo ann an tìr thradaiseanta na Gàidhlig - a’ Ghàidhealtachd - a chumas a staigh Na h-Eileanan Siar, A’ Ghàidhealtachd fhèin agus Earra-Ghàidheal is Bòid. Dè tha a’ dol anns na sgìrean seo?
Na h-Eileanan Siar:-
Seo an aon ùghdarras ionadail an Alba far a bheil Gàidhlig aig mòrchuid an t-sluaigh. Ach, a-rèir nam figearan, cha mhair seo. Oir seo na cuidean: 1991 - 19,546, 66.0%; 2001 - 15,723, 59.3%; 2011 - 14,066, 52.2%. Agus nuair a choimheadar air na tha a’ tachairt aig an taigh, chan eil ach 40% den t-sluagh a’ cleachdadh Gàidhlig an sin mar as àbhaist, le 57% a’ cleachdadh Beurla a-mhàin. Anns an fhìrinn, tha Gàidhlig na mìon-chànan anns na h-Eileanan Siar mar-thà.
Ach, a-rèir nam figearan, chaill Gàidhlig 3,823 (20%) eadar 1991 agus 2001 ach cha do chaill i ach 1,657 (10%) eadar 2001 agus 2011. Is math a dh’fhaodte gun nochd seo nas maireanneiche: dè an duilgheadas? Eadar 1991 agus 2001 bha lùghdachadh de 3,098 ann an àireamh-sluaigh na h-Eileanan ach eadar 2001 agus 2011 bha meudachadh de 427 ann. Mar sin, is math a dh’fhaodte nach do chaill Gàidhlig ach 725 den t-sluagh a bha fhathast ann an 2001, ach gun do chaill i 2,084 den t-sluagh a bh’ ann an 2011. Ciallaichidh seo in-imrich aig nach eil Gàidhlig agus nach eil airson Gàidhlig ionnsachadh.
Agus carson nach eil in-imrich airson Gàidhlig ionnsachadh? Seo thairis air amas na h-aiste seo, ach is math a dh’fhaodte gur ann air sàillibh comas a h-uile nì a dhèanamh tro mheadhan na Beurla gun iarrtas sònraichte.
A’ Ghàidhealtachd:-
Seo na cuidean don Ghàidhealtachd: 1991 - 14,713, 7.2%; 2001 - 12,069, 5.8%; 2011 - 12,039, 5.4%. Tha meudachadh anns an àireimh-sluaigh - bho 204,004 an 1991 gu 208,914 an 2001 gu 224,606 an 2011: tha seo air sàillibh Inbhir Nis agus a sgìre: cuideachd an fheadhainn a tha a’ sìreadh àite iomall (“far from the madding crowd”, mar a chanar). Ann an 2001 cha robh àiteachan Gàidhlig air fhàgail ach san Eilean Sgitheanach: chan eil na mion-phuingean ud rim faotainn fhathast bho 2011. Ach is math a dh’fhaodte gun nochdar an aon chùis - ’s dòcha le cuid nas lugha de dh’àiteachan.
Gu eu-choltach ris Na h-Eileanan Siar, chan eil lùghdachadh mòr air a bhith ann an àireamhan na Gàidhlig: 30 a-mhàin. Ach mar phàirt den t-sluagh nochdaidh cùisean nas miosa. O chionn 2001, tha 15,692 daoine a bharrachd anns A’ Ghàidhealtachd - ach chan eil ach 12,039 ann aig a bheil Gàidhlig. Agus tha an coltas ann gum bi seo a’ tachairt a-rithist gu 2021. Dè nithear airson Gàidhlig a sgaoileadh am measg nan in-imreach? Oir ’s ann a tha coimhearsnachdan Gàidhlig beò ann an-dràsta, ach tha cunnart ann gun tèid am bàthadh am measg cuan na Beurla mura sgaoilear Gàidhlig don in-imrich.
Earra-Ghàidheal is Bòid:-
Leanaidh Gàidhig air a crìonadh sgriosail an seo. Seo na cuidean: 1991 - 4,877, 5.3%; 2001 - 4,158, 4.6%; 2011 - 3,451, 4.0%. Tha an lùghdachadh an seo nas miosa na ’n dùil (Alba air feadh) le 8.7%.
A bheil coimhearsnachdan Gàidhlig air fhàgail ann an Earra-Ghàidheal is Bòid? Sin e, taobh a-muigh den eadar-lìon 7c.
Sgirean na Gàidhealtachd air feadh:-
Anns na trì sgirean seo, tha Gàidhlig aig 29,556. Bha i aig 39,136 an 1991 agus 31,950 an 2001 agus mar sin tha an crìonadh fhathast ann, ged nach eil e cho dona san deichead mu dheireadh. Mar cheudad, chaidh i bho 12.0% an 1991 gu 9.8% an 2001 gu 8.8% an 2011. Bha seo 7.5% nas miosa (2001-2011) na bha an Alba air feadh, le call mòr an Earra-Ghàidheal is Bòid agus buaidh in-imreach mhòr anns Na h-Eileanan Siar. Mar cheudad de Ghàidhlig an Alba air feadh, seo na figearan: 1991 - 59.3%, 2001 - 54.6%, 2011 - 51.5%. Bha feadhainn ann a bha a’ ro-innse gum biodh an cunntas-sluaigh seo (2011) a’ nochdadh gum biodh a’ mhòrchuid den Ghàidhlig aig a’ Ghalldachd (no roinntean taobh a-muigh de na sgirean tradaiseanta): cha do thachair seo, ach tha e glè fhaisg.
Sgìrean eile:-
Anns na sgìrean eile, tha àireamh na Gàidhlig air gluasad mar a leanas: 1991 - 26,842, 2001 - 26,602, 2011 - 27,819. Gu seo, tha barrachd air 1,000 a tha a’ bruidhinn Gàidhlig anns na h-ùghdarrasan ionadail Baile Obar Dheathain (1,628), Siorrachd Obar Dheathain (1,397), Baile Dhùn Èideann (3.157), Fìobha (1,272), Baile Ghlaschu (5,891), Siorrachd Lannraig a Tuath (1,326), Peairt is Ceann Rois (1,275) agus Siorrachd Lannraig a Deas (1,232). Mar còmhlan, tha atharrachadh na Gàidhlig 6.9% nas motha na tha e an Alba air feadh, le meudachadh de 11.6%. Ach is glè bheag na h-àireamhan mar cheudad den àireimh-sluaigh: 0.6% air feadh, le 1.0% ann am Baile Ghlaschu, 0.9% an Sruighlea, Peairt is Ceann Rois agus Siorrachd Dhùn Breatann an Ear.
Is fhiach coimhead air àireamh na Pòlannais. Tha 24,974 daoine air feadh na h-Alba a bhios a’ cleachdadh Gàidhlig aig an taigh. Ach tha 54,186 a bhios a’ cleachdadh Pòlannais aig an taigh. Mar sin, tha tuilleadh cloinne - thairis air 2 thuras a bharrachd - a thèid an togail leis a Phòlannais ann an Alba na tha a thèid an togail leis a’ Ghàidhlig. Agus dè an diofar? Chan eil coimhearsnachdan ionadail Pòlannais ann an Alba, ach tha (fhathast - gu dìreach) coimhearsnachdan ionadail Gàidhlig ann. Agus is seo an t-adhbhar carson a tha mairsinn choimhearsnachdan den leithid cho cudromach - às an aonais, cha bhiodh Gàidhlig nas bunntainneiche a dh’Alba na cànan sam bith eile a rachadh a bhruidhinn le 1% de shluagh na h-Alba. Cuideachd, nochdaidh seo nach fhaodar dàn na Gàidhlig crochadh air dealas luchd beag a tha a’ fuireach am measg saoghal na Beurla, mar a chithear, m.e., ann an Dùn Èideann. Feumar fèin-mhisneachd a thogail am measg nan coimhearsnachdan Gàidhlig nàdarra a tha fhathast againn.