'S einnsean saor airson cluich ghnìomhan mas fhìor a tha sa Flare agus tha geama 'na bhroinn cuideachd. Chan e ach tionndadh alpha ri fhaighinn gu ruige seo, mar sin tha rud no dhà sa Bheurla fhathast.
Mar a stàlaicheas sibh an geama
Chan eil stàladh a dhìth, ach feumaidh sibh a luchdadh a-nuas is am faidhle a dhì-dhùmhlachadh.
- Luchdaibh an geama a-nuas on làrach-lìn aig Flare.
- Dì-dhùmhlaichibh am pasgan, mar eisimpleir ann an Windows Explorer.
- Rachaibh a-steach dhan phasgan àr a chaidh a chruthachadh is dèanamh briogadh dùbailte air flare.exe air Windows no ruithibh flare.sh mur eil sibh air Windows.
- Rachaibh air Configuration is an uairsin air Interface gus an cànan a thaghadh.