'S fhada on a chuir mi sìon anns an roinn seo a chruthaich GunChleoc dhomh.
Ach, bu toil leam cumail ris, ged nach tric a bhios mi cur ris..
Mar sin, seo abairt a th' air a cleachdadh ann an Uibhist / Beinn na Fadhla, agus dh'fhaoidte ann an àiteachan eile, airson droch shìde a mhìneachadh.
Nam b' e sitig de latha a bhiodh ann, cha robh an t-sìde, no an aimsir, ach grot. Sna h-eileanan, tha sin a' ciallachadh latha robach. Gaoth is uisge, mar as trice.
Bha sitig de latha ann.
...Cha robh an t-sìde ach grot.
...'S e latha robach a bh' ann.
'S e an t-sitig àite astar bhon taigh-chroite far an cuirear sgudal sam bith a bhios a' lobhadh leis fhèin. Canar "òtrach, òcrach" cuideachd ris an tòrr seo.
Ma bheir cuideigin an t-sitig air, tha e a' tarraing air falbh sa bhad, agus dh'fhaodadh droch sheagh a bhith fillte an lùib na h-abairt seo, mur can neach e le fiamh a' ghàire air.
Thoir an t-sitig ort! - ( Thalla!; Mach à seo! Thoir do chasan leat! Teich bhuam! Bi falbh! etc.)
Sitig de latha
-
- Posts: 693
- Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
- Language Level: Fileanta
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: Saitama, an Iapan
- Contact:
Sitig de latha
Last edited by An Gobaire on Thu Apr 09, 2015 9:43 pm, edited 1 time in total.
Dèan buil cheart de na fhuair thu!
Re: Sitig de latha
Tha mi toilichte gu bheil thu air ais air an t-snàthainn seo, mu dheireadh thall.
Bha sinn gad ionndrainn.
Abairt uabhasach feumail an turas seo cuideachd. (Ged nach e sitig de latha a th' ann idir an-diugh - dìreach a' cheart-aghaidh de sin. )
Bha sinn gad ionndrainn.
Abairt uabhasach feumail an turas seo cuideachd. (Ged nach e sitig de latha a th' ann idir an-diugh - dìreach a' cheart-aghaidh de sin. )
-
- Rianaire
- Posts: 4607
- Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
- Language Level: Mion-chùiseach
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: Dùthaich mo chridhe
- Contact:
Re: Sitig de latha
Agus chuir mi ris an làrach-lìn againn cuideachd e, mu dheireadh thall!
Mòran taing
Mòran taing
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Na dealbhan agam