Page 1 of 1
Faclan ùra : Ràitheachan
Posted: Fri Jul 29, 2016 1:52 am
by An Gobaire
Tha ràitheachan againn anns a' Ghàidhlig air quarterly magazine.
Chan eil "làitheachan" sna faclairean, ach saoilidh mi gun dèanadh e an gnothach mar eadar-theangachadh air "daily magazine", seach dìreach "iris làitheil" a bhith againn.
'S math a bhith smaoineachadh gu saorsneil air na rudan seo.
Faclan ùra : Ràitheachan
Posted: Fri Jul 29, 2016 10:43 am
by poor_mouse
Eadar dà sgeul, nach eil sin car neònach:
Toraidhean an Fhaclair Bhig wrote:sia-ràitheach
fir. gin. ┐ iol. -thich
1 five quarter old tup 2 eighteen month old calf
Toraidhean Dwelly wrote:sia-ràitheach
(CR) sm Gimmer, six-quarter-old sheep — W. of Ross-shire.
Faclan ùra : Ràitheachan
Posted: Fri Jul 29, 2016 10:55 am
by GunChleoc
Tapadh leat, chuir mi gu ceart e!
Bhiodh ciall ann an "làitheachan" on a tha "mìosachan" ann cuideachd.
Faclan ùra : Ràitheachan
Posted: Fri Jul 29, 2016 12:59 pm
by akerbeltz
A bheil a leithid ann, iris a thig a-mach gach latha?
Faclan ùra : Ràitheachan
Posted: Sat Jul 30, 2016 8:15 am
by GunChleoc
Ma bheachdaicheas tu air irisean air loidhne mar a tha Dàna, seadh, san latha an-diugh, tha.
Faclan ùra : Ràitheachan
Posted: Sun Aug 07, 2016 5:17 am
by An Gobaire
A bheil a leithid ann, iris a thig a-mach gach latha?
Nach fhaighear irisean làitheil,
quotidiens, san Fhraing, mar eisimpleir?
Co-dhiù, tapadh leibh 'son ur beachdan. San dol seachad, an e "lathachan" a b' fheàrr seach "làitheachan", nam biodh a leithid ann?
mìosachan
ràitheachan (bho ràith)
ach
lathachan (bho latha)
dè ur beachd?
Faclan ùra : Ràitheachan
Posted: Sun Aug 07, 2016 8:50 am
by GunChleoc
Saoilidh mi gum biodh "làitheachan" na b' fhearr - nach dèid "là"/"latha" an-còmhnaidh 'na "làith-" nuair a nì thu rudeigin gràmarach leis?
Cuideachd, tha ciall eile ann an
làthach nach biodh tu ag iarraidh
Faclan ùra : Ràitheachan
Posted: Sun Aug 07, 2016 12:00 pm
by akerbeltz
Tha facal againn airson
quotidien mu thràth... "pàipear-naidheachd làitheil".
Cha chreid mi gu bheil feum idir air facal d' a leithid. Nam biodh, 's e làitheachan a b' fhearr mar a mhol GunChleoc, tha lathachan a' cur làthach an sùilean dhaoine sa chiad dol a-mach mar a thuirt i.