Page 1 of 1

Cha robh caomhnadh air canabhas

Posted: Sun Sep 25, 2016 3:34 pm
by An Gobaire
Saoil a bheil sibh eòlach air a' ghnàth-fhacal seo?

B' àbhaist gun robh airgead "pàipeir" air a dhèanamh de chanabhas, agus mar sin, gu sìmplidh 's e dòigh eile a bha seo air "Cha robh caomhnadh air cosgais" a ràdh.

No expense was spared

Chanadh seo, mar eisimpleir, a thaobh cèilidh no pàrtaidh anns an robh pailteas de bhiadh is deoch gan toirt seachad.

Cha robh caomhnadh air canabhas

Posted: Mon Sep 26, 2016 2:18 am
by faoileag
Inntinneach. :-)

Agus tha tionndadh eile anns an Fhaclair Bhig / LearnGaelic cuideachd:

chan eil cùmhnadh air canabhas ann an Dùn Èideann no expense is being spared in Edinburgh

Cha robh caomhnadh air canabhas

Posted: Fri Sep 30, 2016 11:30 am
by An Gobaire
math fhèin