Page 1 of 1

A' tilleadh

Posted: Mon May 01, 2017 7:41 pm
by Droigheann
Halò a chàirdean! Bha mi air a' Ghàidhlig ionnsachadh (sa mhòr-chuid leam fhìn) airson ùine nach robh glè ghoirid, ach beagan bhliadhaichean air ais, thòisich mi air an Fraingis a dhèanamh. Feumaidh mi aideachadh gun robh mi a' dèanamh dearmad air mo chuid Ghàdhlig. Ge-tà, mhothaich mi o chionn grunn mhìosan gun robh mi a' tionndadh gu eisimpleir dhen t-seanfhacal 'cleachd e no call e' agus chuir mi romham gum fàs mi nas motha an sàs anns a' chànan a-rithist.

(Eadar dà sgeul, bha mi san fhòram seo mar tha, 's dòcha gum biodh cuimhne aig feadhainn dhiubh air an lus le droighinn, ach on a dh'atharraich mi bhon àm sin am frith-aim agam air feadh an eadar-lìn, cho-dhùin mi gun cleachd mi am fear ùr an-seo mar an ceudna.)

A' tilleadh

Posted: Tue May 02, 2017 8:10 am
by GunChleoc
Fàilte air ais ma-thà :)