Matamataig
Matamataig
Mhothaich mi do chlaonadh stannardach. Tha claonadh àbhaisteach a' nochdadh sna leabhraichean matamataig airson standard deviation.
-
- Rianaire
- Posts: 1781
- Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
- Language Level: Barail am broinn baraille
- Corrections: Please don't analyse my Gaelic
- Location: Glaschu
- Contact:
Matamataig
Seadh, chan eil a h-uile duine air an aon ràmh a thaobh briathrachais. 'S e an duilgheadas gu bheil normal agus standard a' ciallachadh dà rud gu math eadar-dhealaichte agus tha fiù rud ann mar standard normal deviation agus ma chleachdas sinn àbhaisteach an dà chuid airson normal agus standard, bidh sinn ann an staing. Claonadh àbhaisteach àbhaisteach?
Tha stannardach nas soilleire air fad agus chan e fiù facal ùr a th' ann (faic Dwelly fo stannart agus stanard)
Tha stannardach nas soilleire air fad agus chan e fiù facal ùr a th' ann (faic Dwelly fo stannart agus stanard)
Do, or do not. There is no try.
★ Am Faclair Beag ★ iGàidhlig, do charaid airson bathar-bog na Gàidhlig: Firefox, Thunderbird, LibreOffice, Skype is mòran a bharrachd ★
★ Am Faclair Beag ★ iGàidhlig, do charaid airson bathar-bog na Gàidhlig: Firefox, Thunderbird, LibreOffice, Skype is mòran a bharrachd ★
Matamataig
Tha fios a'm! 'S ann a bha mi an dùil gun robh sibh a' cruinneachadh gach rud a tha a' dol.
-
- Rianaire
- Posts: 1781
- Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
- Language Level: Barail am broinn baraille
- Corrections: Please don't analyse my Gaelic
- Location: Glaschu
- Contact:
Matamataig
Tha agus chan eil. Tha fàilte, gun teagamh sam bith, ro fhaclan stèidhichte nach eil sna faclairean (tha pailteas dhiubh ann). Le faclan ùra, tha sinn beagan nas fhaiceallaiche oir tha mòran dheth ann a tha 'na sgudal gun fheum (mar eisimpleir na rudan ann an The Gaels Have A Word For It) oir ma chuireas sinn dhan fhaclair iad, tha cunnart gun sgaoil sin sgudal aig a' cheann thall, rudan a tha airidh air toll dubh agus leac mhòr orra, seach àrd-ùrlar.
Agus tha raon mòr liath eadar an dà rud agus tha claonadh àbhaisteach 'na theis-mheadhan agus tha e doirbh co-dhùnadh dè 's fhearr.