Page 1 of 1

Halo a' chàirdean

Posted: Wed Oct 11, 2017 9:59 am
by Pierre
Halo,
'S mise Pierre - tomhaisibh cò às a tha mise ;).
Tha mi a' fuireach ann an Dùn Èideann agus tha mi ag iarraidh Gàidhlig ag ionnsachadh.
Tha clann agam anns a’ bhun sgoil (TnP) mar sin tha cuideachadh orm (agam/dhomh…? facal eile?) ach tha mi a creidsinn gum feumaidh mi Gàidhligh a bhruidhinn ri feadhainn nas sine cuideachd. Tha mi a dol gu cearcaill comhraidh ach feuch mi a cleachdadh fòraim ’s lìonra sòisealta nas trice :)

Halo a' chàirdean

Posted: Thu Oct 12, 2017 12:14 am
by faoileag
Fàilte, Pierre! :D

Nach math gu bheil thu ag ionnsachadh Gàidhlig agus gu bheil do chuid cloinne san sgoil Ghàidhlig cuideachd.
Tha iomadh cothrom ionnsachaidh agus cleachdaidh ri fhaighinn ann an Dùn Èideann, le tachartasan agus cùrsaichean sa bhaile agus aig an Oilthigh, ach bhiomaid glè thoilichte nam biodh tu a' sgrìobhadh an seo cuideachd! :D

Halo a' chàirdean

Posted: Sun Oct 15, 2017 6:50 pm
by GunChleoc
Hmm, saoil a beil thu à badeigin far a tha an Fhraingis 'ga bruidhinn? Mar sin, Bienvenu! :D