Page 1 of 1

Halò bhuamsa!

Posted: Mon Jan 08, 2018 3:38 pm
by MacFhraing
Is mise Coinneach! 'S ann à sgìre Loch Aillse a tha mi bho thùs ach tha mi a-nis a' fantainn san Eilean Sgitheanach. Is minig a tha mi air duilleagan san fhòram a ruigheachd, is mi air tòir ciall do dh'fhacal àraid no a leithid, agus ar leam a-rèiste gum bithinn cho mhath cùnntas a chur air dòigh dhomh fhèin!

Ged nach robh Gàidhlig a-staigh againn dar a bha mi nam bhalachan, bha gu leòr mun cuairt oirnn`sa choimhearsnachd. Bhiodh boireannach à Leòdhas a' gabhail cùram rium fhèin 's mo bhràthair agus ga bruidhinn rinn, agus chaidh mi tro thaobh na Gàidhlig an dà chuid sa bhun-sgoil agus an àrd-sgoil. Eadar cùram Leòdhasach, àrach Aillseach, tidsearan-sgoile à Ratharsair is an t-Eilean, bliadhna a' fantainn an Uibhist agus cèile Tirisdeach, chanainn-s' gu bheil mo dhual-chainnt beagan troimh-chèile, ach nì mi mo dhìcheall faclan Aillseach a chleachdadh. Tha ùidh fharsaing agam ann an cultar na Gàidhealtachd, gu h-àraidh ann am beul-aithris agus òrain traidiseanta. Tha mi nam neach-chiùil cuideachd, agus cluichidh mi ceòl traidiseanta air a' ghiotàir. Is caomh leam a bhith a' cur ri leasachadh na Gàidhlig mas urrainn dhomh!

Halò bhuamsa!

Posted: Mon Jan 08, 2018 5:45 pm
by faoileag
Fàilte chridheil ort, a Choinnich!

'S e eachdraidh gu math inntinneach a th' agad, a' faighinn do chuid Gàidhlig bho bhunan cho eadar-dhealaichte!
Tha sinn fìor thoilichte daoine cho fileanta fhaicinn air an Fhòram. An dòchas gum bi cuspairean ann anns am bi ùidh agad :D , agus gum bi thu cuideachd nad chuideachadh dhuinne ma bhios ceistean-cànain againn, no ceistean-dualchainnt! :spors:

Halò bhuamsa!

Posted: Wed Jan 17, 2018 1:35 pm
by GunChleoc
Fàilte chridheil ort, a Choinnich! :)