hi graisg
ciamar as urrainn dhuin an canan a shabhaladh ma tha e duinte?
Gheibh thu àite làn Gàidhlig aig an t-Sabhal Mhòir, an e àite duinte a th'ann?
chan e aite duinte a th'ann idir - dh'fhaodadh tu radh gur e eisimplear gle mhath a th'ann airson coimhearsnachd gaidhlig ach air a laimh eile sin am priomh amas a th'aig smo co dhiu, 's e sin airson gaidhlig a leasachadh no gaidhlig ag ionnsachadh - tuigsinn? aite sonraichte airson gaidhlig a thogail ach coimhearsnachd residential mar seo, de am priomh amas a th'ann?
channainsa gum biodh e aite far nach fhaod sibh beurla a bruidhinn no a cluinntinn idir - aite far nach fhaigh thu torr de na rudan a tha cho cumanta anns an saoghal againn an drasta - is aithne dhomh feadhainn sa sgire nach eil airson caraidean a bhith aig a chlann aca mur eil gaidhlig aca - feadhainn nach eil a leigeil an clann aca a coimhead air programan beurla air a tbh - chan eil aca ach DVDs le cartun gaidhlig orra - an e seo na seorsa daoine a tha dol a bhith fuireach comhla?
sgriobh thu fhein e a ghraisg
"Fur Ball village, chan eil mi buileach cinnteach dè seòrsa phetaichean a tha ceadaichte lol ach tha coin aig feadhainn dhiubh? Ach tha riaghaltan aca agus comitaidh agus chan eil agad do dhreuchd a leigeil dheth gus a dhol ann, saoilidh mi dìreach a bhith nas aoisde na 45 bliadhna a dh'aois agus faodaidh tu taigh a cheannaich. Tha cultair eile aca lol, faodaidh tu gan aithneachadh ma ghabhas tu sgrìob mu chuairt na aibhne ach tha feadhainn dhiubh bruidhinn le muinntir Inbhir Narann a-nis"
de an diofar a bhiodh ann eadar firhall agus coimhearsnachd gaidhlig ma tha? bidh daoine eil daonnan a smaoineachadh gur e buidheann de misfits a th'ann - tha e soilleir gu bheil seo a tachairt le firhall mar tha leis an rud a tha thu a sgriobhadh
tearlach - tha coimhearsnachd math aig SMO air sgaths gu bheil torr a fuireach ann aig a bheil gaidhlig agus uidh aig gaidhlig - s math a tha sin ach air thaobh eaconomaidh? chan fhaigh coimhearsnachd lamh an uachdar air an eaconomaidh ann an aite sam bith - s docha gum bu choir dhaibh a bhith feuchainn airson coimhearsnachd a thogail air eilean beag mar scarp - "the new independant state of gaelic speakers"
mar a thuirt mi mar tha - bi choir dhuinn a bhith brosnachadh na coimhearsnachdan gaidhlig a tha ann mar leodhas, na hearadh msaa - brosnachadh an eacaonomiaidh aca agus an uair sin s dochad gum bi barrachd den na h-oigridh airson fuireach ann