Foghar nan Eilean '78

runrig-the-highland-connection.jpg
 
The Highland Connection

Faclan aig Calum is Ruairidh Dòmhnallach

Tha na duilleagan a' dannsa
Bho na craobhan anns a' ghaoith
Foghar donn ar bliadhn' air tionndadh
Nis tha luchd an t-samhraidh ma sgaoil

Sona dh' fhàg thu mi le m' eilean
'S leam na lochan is na bàigh
Mo chridh' aig tàmh air beanntan geamhraidh
Nis tha luchd an t-samhraidh ma sgaoil

Foghar nan eilean
Foghar mu thuath
Gheibh sinn beatha mar a chleachd sinn
Mas tàinig an t-sluagh
Bidh am fraoch air nam beanntan
'S a choille ruadh fon ghrian
'S iad a sealltain dathan dhomsa
Gus an till iad a rithis

Tha an latha seachad buithtean duinnte
Gheibh an caisteal fois na h-oidhch'
Gheibh an t-airgead cadal socair
Nis tha luchd an t-samhraidh ma sgaoil

Mar a dh' atharraich iad ar beòshlaint
Mhill iad dualchas cainnt 's ar dòigh
Ach fhoghair, crathaidh mi do làmh
Nis tha luchd an t-samhraidh ma sgaoil

Foghar nan eilean
Foghar mu thuath
Gheibh sinn beatha mar a chleachd sinn
Mas tàinig an t-sluagh
Bidh am fraoch air nam beanntan
'S a choille ruadh fon ghrian
'S iad a sealltain dathan dhomsa
Gus an till iad a rithis
An deasachadh mu dheireadh: 2a dhen Mhàrt 2014 12:57:37
© 1979 Storr Music. Gan cleachdadh le cead.