Nach Neonach Neisd A Tha E

runrig-play-gaelic.jpg
 
Play Gaelic

Faclan aig Calum Dòmhnallach

Sealladh clò-bhualaidh


Nach neònach neisd a tha e
A bhi seòladh air ais a rithist
Cha bhi thusa mar a b' àbhaist
Na mo choinneamh air a chidh'
'S cha d' fhiach an teine oidhche
Gun do chòmhradh 's do ghàir
Chan fhaic mi thu a rithist

Ged tha an latha cho bòidheach
'S ged tha an t-àite cho brèagha
'S ged tha a' ghrian a' deàrrsadh
'S ged tha a' mhuir cho ciùin
'S ged tha mi mar an fhaoileag
Cho sona 's cho saor
Chan fhaic mi thu a rithist

Atharraichidh an t-saoghal
Mar a dh' atharraicheas an t-sìde
Aon latha tha a' ghlainne 'g èirigh
'S an ath latha tha i sìos
Chunnaic mi an t-uisge
'S chunnaic mi a' ghrian
Ach chan fhaic sinn do leithid a rithist
An deasachadh mu dheireadh: 2a dhen Mhàrt 2014 13:00:17
© 1978 Isa Music. Gan cleachdadh le cead.