An Ros

runrig-play-gaelic.jpg
 
Play Gaelic

Faclan aig Morag Montgomery

Sealladh clò-bhualaidh


Ged 's brèagha an ròs le dhuilleagan sìoda
Fàile cho cùbhraidh, cùbhraidh bho chridh'
Na buain e ri d' mhairean oir nì e do mhealladh
Tha dubhan geur puinnsein, geur puinnsein fo sgèith.


Chreid mi na briathran, a h-uile nì riamh dheth
Gur brèagha 's gur cùbhraidh, cùbhraidh am blàth
Bhuain mi am flùran, mar Adhamh an ùbhlan
'S leònadh mo chridhe, mo chridhe gu bràth.


Tha mi nis a crìonadh is m' inntinn air phianadh
'S mo shùilean a sìor, sìor shileadh dheur
'S ged 's tric rinn mi gàire, tha sinn nis air an fhaire
'S mo chridhe briste brùite, briste brùite gu leir.

Ged 's brèagha an ròs le dhuilleagan sìoda
Fàile cho cùbhraidh, cùbhraidh bho chridh'
Na buain e ri d' mhairean oir nì e do mhealladh
Tha dubhan geur puinnsein, geur puinnsein fo sgèith.
An deasachadh mu dheireadh: 2a dhen Mhàrt 2014 13:02:11
© 1978 Isa Music. Gan cleachdadh le cead.