Sunndach

runrig-play-gaelic.jpg
 
Play Gaelic

Faclan aig Calum Dòmhnallach

Sealladh clò-bhualaidh


Bho m' uinneag tràth
Beinn Tianabhaig ag èiridh suas
A' ghrian air a chùl
A' cur òr air a' bhàgh
Madainn bhlàth
Dealbh beò
Tha a' Chuiltheann gun cheò
'S chan eil sgòth air m' aire

Mi coiseachd mach tràth
Na bàtaichean 's a' Chamus Bàn
Ceò teas anns an fhraoich
Air an eilean uaine
Tha ghrian a' sìneadh sìos
Air sràidean Phortrìgh
'S ged tha mi cho sunndach
B' fheàrr gun robh mi fuireach
An deasachadh mu dheireadh: 2a dhen Mhàrt 2014 13:04:06
© 1978 Isa Music. Gan cleachdadh le cead.