Tillidh Mi

runrig-play-gaelic.jpg
 
Play Gaelic

Faclan aig Calum Dòmhnallach

Sealladh clò-bhualaidh


Tha samhradh bliadhn' eile air tighinn
Ach cha thog mo ghrian an àrd
Mo chasan trom 's iad 'g iarraidh dhachaidh
'S m' inntinn dol mu 'n cuairt
Tha mi falainn, tha mi òg
Ach lag 's mi bàthadh gun do phòg
Cha chaidil mi gun till mi do mo ghràidh

Bho àm gu àm bi mise a' coiseachd
N'am aonarachd sìos an t-sràid
Mi smuaineachadh air abhainn fhada
Tha laighe fad' bhon rathad
'S i gu bhi làn le bric a' snàmh
'S tachais daingeann na mo làimh
Cha chaidil mi gun till mi do mo ghràidh.

Tillidh mi dhachaidh
Tillidh mi dhachaidh
Cha chaidil mi gun till mi do mo ghràidh

Nuair a thuiteas oidhche orm
'S e 'n t-àm as miosa a th' ann
Mise laighe nam mo leabaidh
'S tusa 'nam mo cheann
Cha bhiodh an samhradh cheart cho doirbh
'S tu 'nad shìneadh ri mo thaobh
Cha chaidil mi gun till mi do mo ghràidh.
An deasachadh mu dheireadh: 2a dhen Mhàrt 2014 13:04:33
© 1978 Isa Music. Gan cleachdadh le cead.