Enigmail - 'S e tuilleadan tèarainteachd a gheibh thu am broinn Mozilla Thunderbird no Seamonkey a th' ann an Enigmail. Leigidh e leat OpenPGP a chleachdadh gus na puist-d a chrioptachadh 's a shoidhneadh gu digiteach agus na teachdaireachdan a gheibh thu a dhearbhadh.
My Opera Mail - Seirbheis puist-dhealain an asgaidh.
Opera - 'S e brabhsair stèidhichte air Chrome a th' anns an Opera agus gheibh sibh An Dearbhair Beag na bhroinn. Tadhailibh an-seo airson mhìneachaidhean air mar a chuireas sibh a Ghàidhlig air.
Outlook.com (Hotmail roimhe) - Làrach-lìn aig Microsoft gus puist-d a chur agus air a bha "Hotmail" roimhe. Gheibh sibh mìneachaidhean an seo agus an làrach-lìn fhèin an seo.
Skype - Faidhle cànain gus Gàidhlig a chur air a' phrògram cabadaich Skype.
MuseScore - 'S e prògram ceòl-sgrìobhaidh a th' ann am MuseScore a tha saor is open source. Gabhaidh sgòran air ìre proifeiseanta a chruthachadh leis gun duilgheadas. Gabhaidh meur-chlàr MIDI a chleachdadh leis agus na sgòran ion-phortadh is às-phortadh slighe MusicXML, MIDI is a bharrachd. Tha e an-asgaidh is gun chuingeachadh.
OBS Studio - 'S e bathar-bog saor le bun-tùs fosgailte airson clàradh video agus sruthadh beò a th' ann an OBS Studio. Ma chunnaic sibh gin dhe na videothan a rinn mi air YouTube no PeerTube, 's ann le OBS Studio a chlàraich mi iad. Tha OBS Studio ri fhaighinn air Windows, Mac agus Linux.
Shotcut - 'S e deasaiche video airson Windows, Mac agus Linux a th' ann an Shotcut a tha saor is open source. Is na gleusan as cudromaiche aige gun cuir e taic ri roghainn fharsaing dhe dh'fhòrmatan; nach eil feum air ion-phortadh ach an deasaich thu an loidhne-ama leis an fhaidhle tùsail sa bhad; taic ri Blackmagic Design gus sùil a chumail air an ion-chur 's an ro-shealladh; agus taic ri dùmhlachd-bhreacaidh suas ri 4k.
VLC - VideoLAN - Cluicheadair mheadhanan le còd fosgailte - tha e an asgaidh agus cluichidh e cha mhòr rud sam bith fon ghrèin, an dà chuid bhideo is fuaim. 'S urrainn dhut a chleachdadh gus Radio nan Gàidheal a chlàradh air coimpiutair cuideachd.
Briathrachan iTunes App - Mobile version of MacFarlane's (Scottish-) Gaelic-Dictionary "Am Briathrachan Beag".
Learnbots - App for memorizing verb tables. Before buying, you can watch a demo and read the review @ ACGA.
LearnGaelic Beginner's Course for iPad - An introduction to Scottish Gaelic, containing 6 lessons. Teaches you how to talk about simple (but useful) topics like the weather. This app is brought to you by MG ALBA.
Opera Mini/Mobile - A' chiad bhrabhsair Gàidhlig san t-saoghal a dh'obraicheas air fònaichean-làimhe agus tablaidean.
Swiftkey airson Android - Seo meur-chlàr dha dh'innealan-làimhe. Tha Gàidhlig ri fhaighinn air Swiftkey a-nis cuideachd ach dìreach air Android - gu mì-fhortanach, chan eil iad a' cur uiread a chànan air iOS 's a tha aca air Android.
LibreOffice - Prògram Oifise air a dhèanamh le cuid de na daoine a thug OpenOffice dhuinn. Gu math coltach ri Microsoft Office ach an-asgaidh agus tha dearbhair-litreachaidh na chois. [...]
Microsoft Office - 'S urrainn dhuibh a' Ghàidhlig a chur air Microsoft Office on tionndadh Office 2013/Office 365/SkyDrive a-mach ged nach eil dearbhair-litreachaidh ri fhaighinn. Cuiridh seo a' Ghàidhlig air Excel, OneNote, Outlook PowerPoint agus Word.
Open Office - Prògram Oifise an asgaidh a dh'obraicheas le Microsoft Windows, MacOS X (Gnìomh-innealan Intel a-mhàin) agus Linux (an dà chuid 32biot agus 64biot ann am pasganan DEB agus RPM). Tha dearbhair-litreachaidh na chois.
Word 2003 - Dearbhair airson Microsoft Word 2003, air a dhealbhadh le Foglam Alba. 'S e liosta de dh'fhaclan a th' ann a chuireas sibh ris mar fhaclair a' chleachdaiche is mar sin chan eil e cho cumhachdach 's a tha An Dearbair Beag. [...]
FreeFileSync - Seo goireas a bheir cothrom dhut lethbhreacan-glèidhidh, neo backups, a dhèanamh dhe na faidhlichean agaibh. 'S urrainn dhuibh na seiseanan a shàbhaladh agus cha leig sibh a leas ach dà bhriogadh a dhèanamh gach turas a bhios sibh ri lethbhreac-glèidhidh ùr a dhèanamh, ge be cò mheud draibh a tha a-staigh san àireamh. Obraichidh seo air Windows agus Linux ach chan ann air MacOSC.
Joomla! - Bathar-bog gus làraichean-lìn a chruthachadh.
MediaWiki - Ma tha thu airson Wiki a chur air an làrach-lìn agad, seo am bathar-bog a bhios a dhìth ort. Stèidhichte air a' bhathar-bhog a chleachdas Wikipedia.
phpBB - 'S e bathar-bog gus bòrd-brath a chur air dòigh air làrach-lìn a tha sa phpBB. Ma tha sibh airson sùil a thoirt air cò ris a tha an tionndadh Gàidhlig coltach, seo am bathar-bog a chleachdas sinn air a' bhòrd-bhràth againn fhèin agus seo far am faigh sibh a' phacaid cànain [...]
Wordpress.com - Ma tha thu airson blog a dhèanamh sa Ghàidhlig. Cha leig thu leas ach clàradh. Cha bhi feum agad air frithealaiche agad fhèin.
WordPress.org - Bathar-bog gus blogaichean a sgrìobhadh. 'S WordPress.org an tionndadh de WordPress a stàlaicheas tu air an fhrithealaiche agad fhèin.
GCompris - 'S e sreath de phrògraman foghlaim a th' ann an GCompris le deagh chàileachd is tha iomadh cleas na bhroinn airson clann aois 2 gu 10. 'S e geamannan a th' ann an cuid dhe na cleasan ach tha iad math airson foghlam co-dhiù. Tha GCompris a' tairgse tuilleadh is 100 chleas a-nis agus tha barrachd 'gan leasachadh. 'S e bathar-bog saor a th' anns a' GCompris, 's e seo gum faod thu gleus a chur air a-rèir nam feumalachdan agad fhèin, a leasachadh is gu h-àraidh a cho-roinn leis a' chlann air fheadh an t-saoghail. [...]
Scratch - Le Scratch, 's urrainn dhut na sgeulachdan, geamannan agus beòthachaidhean eadar-ghnìomhach agad fhèin a phrògramachadh -- agus is urrainn dhut na chruthaich thu a cho-roinneadh le càch sa choimhearsnachd air loidhne. Cuidichidh Scratch an fheadhainn òga gun smaoinich iad ann an dòigh cruthachail cruthachail is rianail agus mar a dh'obraicheas iad còmhla -- seo sgilean fìor chudromach airson beatha sa 21d linn. 'S e pròiseact aig buidheann Lifelong Kindergarten aig MIT Media Lab a th' ann an Scratch. Thathar ga sholar an-asgaidh. [...]
Tux Paint - 'S e prògram tarraing dhealbhan an asgaidh a th' anns an Tux Paint a choisinn duaisean agus a bhios freagarrach don chlann eadar 3 is 12 bliadhna a dh'aois (mar eisimpleir, sgoil-àraich is bun-sgoil). Tha Tux Paint 'ga chleachdadh ann an sgoiltean air feadh an t-saoghail gus tarraing dhealbhan air a' choimpiutair ionnsachadh don chlann. Cuiridh e ri chèile eadar-aghaidh a bhios furasta cleachdadh, èifeachdan fuaime spòrsail agus mascat cartùn a threòraicheas an clann nuair a chleachdas iad am prògram. Gheibh a' chlann canabhas bàn agus roghainn de acainnean peantaidh a bheir cuideachadh dhaibh gus a bhith cruthachail. [...]
Ubuntu Linux - Seo a' chiad sgaoileadh Linux a tha ri fhaighinn sa Ghàidhlig is tha e an-asgaidh.
Windows 8 - Ma tha Windows 8 agaibh mu thràth, tha e furasta 's cha chosg e dad. Cha leig sibh a leas ach a dhol gu Options » Control Panel » Add Language agus leantainn ris an stiùireadh an uairsin.
CLDR - Unicode Common Locale Data Repository - The Unicode CLDR provides key building blocks for software to support the world's languages, with the largest and most extensive standard repository of locale data available. This data is used by a wide spectrum of companies for their software internationalization and localization, adapting software to the conventions of different languages for such common software tasks. It includes locale-specific patterns for formatting and parsing, translations of names, language & script information, country information and more.
GenoPro - Aon dhe na prògraman as cumanta airson craobhan-sinnsearachd a dhèanamh. 'S e trialware a th' ann. Mar sin, feumaidh tu rudeigin a phàigheadh ach am faigh thu am prògram, ach faodaidh tu feuchainn an toiseach is an asgaidh an còrd e riut. [...]
ICU - International Components for Unicode - ICU is a mature, widely used set of C/C++ and Java libraries providing Unicode and Globalization support for software applications. ICU is widely portable and gives applications the same results on all platforms and between C/C++ and Java software. ICU is released under a nonrestrictive open source license that is suitable for use with both commercial software and with other open source or free software. I have also written a script to convert the ICU data to gettext po files. If you need the converted files for Gaelic, feel free to drop me a note and I'll send them over.
Stàlaichear: Inno Setup - Cuiridh Inno Setup taic dhuibh gus stàlaichear/dì-stàlaichear airson Microsoft Windows a chruthachadh airson prògram a sgrìobh sibh. Tha duilleag fa leth aca le liosta dhe na cànanan as urrainn dhut cur ri stàlaichear.
Stellarium - 'S e amharc-lann phlanaidean saor is open source airson a' choimpiutair agad a th' ann an Stellarium. Seallaidh e na speuran ann an dòigh fhìor-riochdail 3D mar a chìtheadh tu le do shùil lom no le prosbaig iad. 'S urrainn dhut Stellarium a chleachdadh air a' choimpiutair agad fhèin no ann an amharc-lann phlanaidean agus gabhaidh fiù prosbaig a stiùireadh leis.