The Band from Rockall: Nighean òg nan sùilean ciùin

Tùs: The Band From Rockall

runrig-band-from-rockall.jpg
 
Faclan aig Calum is Ruairidh Dòmhnallach

Sealladh clò-bhualaidh


Thòisich là' mar là' sam bith eile
Dh' èirich grian le cuid dòchais is blàiths
Ach mu chrìoch na h-oidhche cò shaoileadh
Gun do chaochail mo shaoghal gu bràth
Dhùisg na solais an talla a' bhaile
Chaidh an ceòl a-mach tarsainn a' chuain
'S ann an sin a' chiad chunnaic mi a' ghruagach
Nighean òg nan sùilean ciùin

Bha soillse anns an àite san robh i seasamh
Aingeal cho àlainn is grinn
Le falt dorch a' tighinn tarsainn a guailinn
Òigh cho bòidheach sa chunnaic mi riamh
Dh' fhalbh mo chùram mar shaighead
Is m' anam mar chlach-iùil bhuam
'S gu grad bhiodh sinn dannsa ri chèile
Nighean òg nan sùilean ciùin

Nighean òg nan sùilean ciùin
Nighean òg nan sùilean ciùin
Gu grad bhiodh sinn dannsa ri chèile
Nighean òg nan sùilean ciùin

Tha na bliadhnaichean air dhol seachad
'S iomadh grian a dh' èirich bhon là'
Tha cho drùite 's cho glaiste nam chuimhne
Cho buan ri cearcal, ri fàinne,
Ach chan eil àm nas beannaichte air talamh
Seach nuair tha gaol abaich is ùr
Ach dh'fhàs an gaol sin nas doimhne

Nighean òg nan sùilean ciùin
Nighean òg nan sùilean ciùin
Dh'fhàs an gaol sin nas doimhne
Nighean òg nan sùilean ciùin

Lìon i mo bheatha le stòras
'S gach là is gach oidhche le sunnd
Nuair a bhios briathran gaoil air do bhilean
Tha t' anam faisg air an àrd-shlighe bhuan
Ach fhad 's bhios rionnag san adhar air fhàgail
'S mi le anail bith mi moladh do chliù
Gruagach òg mo dhàn 's mo luach

English Translation @ The Band From Rockall
An deasachadh mu dheireadh: 17mh dhen Dùbhlachd 2012 00:02:23
© 2012 Chrysalis Music Ltd..