The Band from Rockall: Mairi Bhàn

Tùs: The Band From Rockall

runrig-band-from-rockall.jpg
 
Faclan aig Calum is Ruairidh Dòmhnallach

Sealladh clò-bhualaidh


O mo Mhàiri bhàn tha na blàthan air na gallan
Tha 'n eala bhàn aig tàmh air na lochan mar a bha
Is tha na sgòthan olc 's dorch air am fuadach, air an sgaradh
Grian ùr ag èirigh suas
Grian tha abaich le gaol mo Mhàiri bhàn

Na sheasabh air a' chidhe, gruagach bhòidheach, òighe maise
Cho aotram is cho saor, sùilean lasadh blàth le gàire
'S tha aiseag mòr mo chridhe seòladh bho sgrios gu sìth 's sonas
'S tus an lus an gàrradh marbh
An reul san adhair chiar, mo Mhàiri Bhàn

'S daor a cheannaich sinn an saors' a chuir crìoch ri blàr 's ri cogaidh
Daor na cuimhnichean nach fhàg fàsach cianail an Roinn-Eòrpa
'S tha gach là a tha nam choinneamh airson nan gillean nach bi tilleadh
Ar clann gun fhathast ann
'S saoghal loma-làn le gaol mo Mhàiri bhàn

Nach toir thu dhomh do làmh, do phòg, do gheall, do ghaol 's do chridhe
'S gun coisich sinn le sunnd tro ghàrradh òg na cruinne
Tha geallach làn ar fiughair a' soillse air a' mhachair
'S air an t-slighe tha feitheamh oirnn
Slighe a mhaireas ri gu bràth, mo Mhàiri bhàn

Tha 'n eala bhàn aig tàmh air na lochan mar a bha

English Translation @ The Band From Rockall
An deasachadh mu dheireadh: 17mh dhen Dùbhlachd 2012 00:01:57
© 2012 Chrysalis Music Ltd..