The Band from Rockall: Am bàrd deireannach

Tùs: The Band From Rockall

runrig-band-from-rockall.jpg
 
Faclan aig Calum is Ruairidh Dòmhnallach

Sealladh clò-bhualaidh


'Se pàipear-naidheachd là an-diugh
A dh'inns dhomh mu do chuairt
Air cuan deireannach a' ghràidh

'Fagail na Caraidh moch Di-Màirt
Air an t-slighe tha nas àirde
Na drochaid òb Cheann a' Bhàigh

'S tu chuireadh fonn ri gach smuain
Earrann ri gach cuan
Briathran ri gach cuairt

Am bàrd, am maraiche còir
Seòladh gu do ghlòir
Air a' gheòla oirdhearc le do sheòrs'

Seasaidh gach eithear taobh ri taobh
Aig acarsaid a tuath
Thig mucan mara tron an t-sàile

'S ged thig soillse 's gràs dhuinn fhathast
Dh'fhalbh là a' bhàird
Gun nì air talamh ghabhas d-àite

Tha grian eile ag èirigh
Air baile truagh fuar
Tha sinn a' caoidh ginealach nan naoimh
'S a' ghrian a dh'fhalbh leibh
Gu bith ùr

Am bàrd, am bàrd deireannach
Am bàrd, am bàrd deireannach

English Translation @ The Band From Rockall
An deasachadh mu dheireadh: 17mh dhen Dùbhlachd 2012 00:00:44
© 2012 Chrysalis Music Ltd..