Ceanglaichean Feumail Eile – Other Useful Links
Seo ceanglaichean gu làraichean sa Ghàidhlig dhuibh. Ma bhios ceangal inntinneach agaibh, carson nach leig sibh
fios thugainn.
Gheibh sibh barrachd ceanglaichean air an duilleig
Gàidhlig air an Lìon aig SMO agus air
LearnGaelic.
We have collected links to Gaelic sites for you. If you have an interesting link, why not let us know.
You will find more links on the Gàidhlig air an Lìon page at SMO and at LearnGaelic.
Gràmair, Faclairean is Cùrsaichean – Grammar, Dictionaries and Courses
-
BBC Alba - Foghlam - Leasanan co-obrachail airson an luchd-tòiseachaidh agus na litrichean aig Ruairidh MacIlleathain. [...]
-
Ainmean Àite na h-Alba - Clàr-àite nàiseanta de dh'ainmean-àite Gàidhlig ann an Alba. [...]
-
Akerbeltz - Goireasan Gàidhlig air an Eadar-Lìon. Gheibh thu mìneachaidh air fuaimean na Gàidhlig is air puingean gràmair cudromach. Barrachd air sin, tha faclair nan gnàthasan cainnte ann. [...]
-
Am Faclair Beag - Faclair ùr Gàidhlig gu Beurla, Beurla gu Gàidhlig le Dwelly 'na bhroinn. Bidh Faclair nan Gnàthasan-cainnte a' gluasad bho Akerbeltz dhan Fhaclair Bheag. [...]
-
An Seotal - Stòr-dàta de bhriathrachas airson a bhith a' teagasg measgachadh de chuspairean anns an àrd-sgoil tro mheadhan na Gàidhlig. [...]
-
An t-Oide - Blog airson ionnsachadh na Gàidhlig tro mheadhan na Gàidhlig.
-
Bizesize Higher Gàidhlig - Ath-sgrùdadh airson na Highers: Leughadh, Sgrìobhadh, Èisteachd, Litreachas. [...]
-
Bloigh Gràmair - Àite san tèid bloighean beaga taitneach gràmair a thogail.
-
Briathrachas reul-eòlais - [...]
-
Ceitidh, an guth Gàidhlig TTS - Seo teacsa 'na chainnt ann an Gàidhlig. Gus èisteachd ri demo, tagh "Ceitidh (Gaelic, Scotland)" - feumaidh tu sgroladh sìos air an duilleag 's an earrann Gaelic a lorg - sgrìobh no cuir ann an teacsa agad an uairsin agus brùth air a' phutan cluiche [...]
-
Complete Gaelic: Teach Yourself Index - Index for the Complete Gaelic: Teach Yourself book by Boyd Robertson & Iain Taylor.
-
Dwelly-d - Am faclair mòr Gàidhlig - Beurla aig Dwelly air an lìon. Gheibhear toraidhean an dà chuid bho Gaidhlig gu Beurla no Bheurla gu Gàidhlig. [...]
-
Faclair aig Alba Aosmhor - Tha Alba Aosmhor air am faclair seo a chruthachadh gus eadar-theangachadh cunbhalach a thoirt seachad co-cheangailte ris an àrainneachd eachdraidheil. [...]
-
Faclair Rianachd Phoblaich - Tha am faclair seo a' togail air agus a' leasachadh a' chiad dreach de dh'Fhaclair na Pàrlamaid, a chaidh fhoillseachadh ann an 2001. Tha faclan ùra ann a chaidh a thrusadh tron t-Seirbheis Cho-obrachail Air-loidhne aig làrach Riaghaltas na h-Alba, tro cho-chomhairle phoblaich agus briathrachas a chaidh a chruinneachadh le sgioba TELI (The European Language Initiative). [...]
-
Faclan Nàdair SNH - SNH Nature Words - Stòr-data Gàidhlig airson ainmean de lusan, craobhan, beathaichean agus faclan SNH. [...]
-
GaelPhon - Scottish Gaelic grapheme to phoneme converter. This converter is based on a neural network, so results aren't perfect yet, because it needs more training data. Forum discussion
-
Intergaelic - Faclair 's inneal eadar-theangachaidh eadar Gàidhlig na h-Èireann, na h-Alba 's Eilein Mhanainn. [...]
-
SMO - Corpus - Corpus de theacsaichean Gàidhlig: Seanfhaclan, Samhlaidhean, Gnàthasan cainnte, Sgeulachdan, Dàin, Òrain, Laoidhean agus Sailm, Carmina Gadelica, Ùrnaighean, Bioball, Fealla-dhà (sgeulachdan àbhachd), Amalaidhean cainnte (tongue-twisters), Tòimhseachain, Còcaireachd, Leabhraichean air an Eadarlìon. [...]
-
SMO - Faclairean - Faclairean Gàidhlig air loidhne. [...]
-
Stòr-Dàta Briathrachais Gàidhlig - Am faclair nas motha a tha ri fhaighinn air loidhne. Faodar lorg ann an faclairean cudromach eile bhon duilleag seo. [...]
-
TAIC - Chaidh an làrach seo a chur air bonn do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. Tha leasanan gràmair is taic eile innte. Ma tha trioblaid agad leis an cuid programachadh, seo ceangal dìreach dha na leasanan dhut. [...]
-
Bizesize Higher Gaelic - Revision materials for the Gaelic Highers: Reading, Listening, Literature, Writing, Speaking, Grammar. [...]
-
Colin Mark's Dictionary @ Google Books - Faodar làrach Google Books a chleachdadh gus lorg anns an fhaclair an dà chuid bho Ghàidhlig gu Beurla is bho Bheurla gu Gàidhlig. Cha seallar na h-uile duilleag, ach ma bhios am faclair seo agad is urrainn dhut àireamh na duilleige a chleachdadh gus coimhead air an leth-bhreac a th' agad nuair a bhios tu a' lorg faclan na Beurla. [...]
-
Gaelic Tip of the Week - Gaelic tip of the week aig Cailean Mark. Cleachdadh abairtean na Ghàidhlig cudromach. [...]
-
GaelicGrammar.org - Gaelicgrammar.org is your portal for access to information about the grammar of Scottish Gaelic. It is a project associated with the University of Arizona Scottish Gaelic Group, headed by Dr. Andrew Carnie, Professor of Linguistics
-
Guide to Gaelic Conversation - Guide to Gaelic Conversation by Lachlan MacBean, 1905. English-Gaelic handbook of phrases and dialogues.
-
Highland Council Gaelic Toolkit - Dealing with the public, Classroom assistant's course, phrasebook, glossary.
-
Introduction au gaelique - Si tu es francophone, cette page donne des éxplications, surtout les verbes. C' est pas complet, mais c' est util peut-être: Les règles de prononciation du Gaélique; Les verbes "être", "avoir" et la conjugaison au présent; Les possessifs et les numéraux; Petit lexique de mots et phrases courants; Correspondance entre le Gàidhlig et le Gaeilge.
-
Mountain names - This is not aimed at academics or linguists and we do not aim here to offer a local Gaelic pronunciation. It is our intention to offer a generic pronunciation suitable for the learner. This service is for the names of hills and mountain features such as lochans, corries and ridges. It's not for settlements or towns.
-
Multidict, Wordlink & Clilstore - Language videos with transcripts where every word is linked to a choice of online dictionaries in your own language with Clilstore. Link (mostly) any webpage automatically word-by-word to online dictionaries in a choice of languages with Wordlink. Find and switch easily between online dictionaries in many languages with Multidict.
-
One Minute Gaelic - A new online course teaching the basics of Gaelic. It's in form of a podcast with one minute per lesson.
-
Speaking Our Language - Chaidh an sreath telebhisein Speaking Our Language a chraoladh airson a' chiad uair ann an 1993. Tha e ga chraoladh an-dràsta air BBC ALBA agus gheibhear cuid mhath de na ceithir sreathan tùsail aig LearnGaelic. Mar sin, ma bhios tu ag ionnsachadh na Gàidhlig, gheibhear criomagan bhideo an seo a bhios a' freagradh an ìre chànain agad fhèin. [...]
-
Teach Yourself Gaelic Index - Index for the Teach Yourself Gaelic book by Boyd Robertson & Iain Taylor.
-
Zero to Gaelic - Table of Correspondences (PDF) - Students of Gaelic use different textbooks and this table makes it easier to find similar topics from different books, especially since most of them do not have good indexes. Different books may use different terms for the same thing and this table tries to reconcile them while respecting the individual choices of the authors.
Pàipearan-Naidheachd is Irisean 'sa Ghàidhlig – Gaelic Newspapers and Magazines
-
An t-Albannach - Roinn na Gàidhlig aig an Albannach. Gheibhear aistean sa Ghàidhlig agus mun Ghàidhlig. [...]
-
BBC Alba - Aistean, Tbh agus Rèidio sa Ghàidhlig. [...]
-
Bella Caledonia - Fuillsichidh Bella Caledonia ann an trì cànanan 's thòisich iad air na colbhan Gàidhlig 's Beurla Gallda aca ann an 2014. [...]
-
Caledonian Mercury - Na h-aistean air a' Chaledonian Mercury a tha sa Ghàidhlig no ceangailte ris. [...]
-
Dàna - Iris-d na Gàidhlig, tha Dàna a' freastal nan coimhearsnachdan Gàidhlig air loidhne le bhith a' sgaoileadh naidheachdan, sgeulachdan, agus dibhearsain fhad 's a chruthaicheas e àite-dealain far am faod luchd-labhairt na Gàidhlig thighinn còmhla gus còmhradh agus deasbad a dhèanamh.
-
An Gàidheal ùr - Paipear-naidheachd mìosail a bha stèidhichte ann an Steòrnabhagh. Gheibhear faidhlichean PDF an asgaidh. [...]
-
Mac-Talla - B' e Mac-Talla an t-ainm a bh' air pàipear-naidheachd/iris Gàidhlig a chaidh fhoillseachadh gach seachdainn - gach dàrna seachdainn na b' anmoiche - ann an Sidni, Alba Nuadh, eadar 28mh Cèitean 1892, agus 24mh Òg-mhios 1904, timcheall air 540 earrann uile gu lèir. [...]
-
Geidh.uk - Bidh Geidh.uk a' toirt thugaibh sa Ghàidhlig na naidheachdan LGBT+ as ùire le fòcas àraidh air naidheachd Albannach.
-
Naidheachdan: AAA - Naidheachdan: An-dè, An-diugh 's A-màireach - A' toirt thugaibh naidheachdan agus beachdan an t-saoghail sa Ghàidhlig. Gabhaidh èisteachd ris air Soundcloud cuideachd.
-
The National - Pàipear-naidheachd a chuireas taic ris an neo-eisimeileachd.
-
Newsnet Scotland - Chaidh Newsnet Scotland a stèidheachadh ann an Grianag 2010 agus thèid a ruith le luchd saor-thoileach. Tha chuid de na h-aistean ri fhaighnn sa Ghàidhlig. [...]
-
Northwords Now - The literary and cultural magazine for the north - litricheas sa Bheurla agus sa Ghàidhlig.
-
Am Pàipear - Pàipear-naidheachd coimhearsnachd Uibhist. [...]
-
West Highland Free Press - Tha am pàipear-naidheachd seo stèidhichte san Eilean Sgitheanach agus buinidh e dhan luchd-obrach fhèin. Ged a tha làrach-lìn dà-chànanach aca, chan fhaighear mòran aistean sa Ghàidhlig air. Gheibhear naidheachdan mun sgìre ann co-dhiù. [...]
Tachartasan – Events
-
Aimeireaga - Comunn Gàidhealach - An Comunn Gàidhealach Ameireaganach strives to promote and preserve the Gaelic language and culture by supporting Gaelic language study and interest in Gaelic literature, song, music, art and history in North America and the world.
-
Astràilia - Tha Comunn Gàidhlig Astràilia na bhuidheann coimhearsnachd neo-phrothaideach a tha a' misneachadh cànan is cultar nan Gaidheal ann an Astràilia. Bhiodh iad toilichte a bhith a' cluinntinn bho dhuine sam bith le ùidh anns na nithean sin. Tha a' bhallrachd air a dèanamh an-àirde an dà chuid de dh'fhileantaich agus de luchd-ionnsachaidh. Tha buill aca à feadh Astràilia agus thall thairis. Tha iad a' foillseachadh an ràitheachan An Teachdaire Gaidhealach a tha air a chur a-mach gu na buill uile. Bidh iad a' cur co-chruinnichean is tachartasan cultarail is clasaichean air dòigh bho àm gu àm.
-
Baile Eoghainn, Siorrachd Rois - An t-Oisean @ Facebook - Cuiridh An t-Oisean ann am Baile Eoghainn tachartasan is clasaichean air dòigh
-
An Caisteal Nuadh, Sasainn - Cearcall Còmhraidh -
-
Dùn Èideann - Se còmhlan buidhnean agus pearsachan air leth aig a bheil ùidh anns an àm ri teachd aig an t-saoghal Gàidhlig Dhùn-Èideann a th' ann an Compàirteachas Dhun-Èideann. 'S e stiùireadh air leasachadh agus air toirt gu buil a' Phlana Gàidhlig Dhùn-Èideann a' phrìomh ghnothach aca.
-
Gaidhlig Earra-Ghaidheal air Facebook - Tha am buidheann seo ag iarraidh na Gaidhlig a neartachadh ann an sgire Earra-Ghaidheal agus gu sonraichte na dual-chainntean a bhrosnachadh. Cuiridh iad clasaichean cànain air dòigh. [...]
-
Fiobha - Cearcall Comhraidh - Tha e furasta dìochuimhneachadh gu bheil Gàidhlig ann an Rìoghachd Fìobha agus gu bheil daoine a' fuireach ann aig a bheil an cànan bho thùs no a tha ga h-ionnsachadh. Ach chan eil cothroman gu leòr aig daoine a tha fileanta an cuid Gàidhlig a chur gu feum an seo. 'S e sin an t-adhbhar a chuir mi Cearcall Còmhraidh Fìobha air dòigh– gus taic a thoirt do luchd-ionnsachaidh 's cothroman còmhraidh a chruthachadh do dh'fhileantaich.
-
A' Gearmailt - Deutsches Zentrum für Gälische Sprache und Kultur - Chaidh Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt a stèidheachadh 'san Dubhlachd 2002 ann am Bonn. Is e an aon institiùd a tha a' tabhann cùrsaichean cànain, ciùil agus òran Gàidhlig anns a' Ghearmailt.
-
Glaschu - An Lòchran - Is e buidheann a th'anns An Lòchran a chaidh a chuir air bhonn ann an 1999 gus ealain agus cultar Gàidhlig ann an Glaschu adhartachadh agus a leasachadh agus gus làthaireachd sheasmhach fhaicinnseach a stèidheachadh do na h-ealain Ghàidhlig anns a bhaile. [...]
-
Inbhir Nis, Madainn Chofaidh - Fàilte ron a h-uile duine aig a bheil ùidh ann an còmhradh no ionnsachadh na Gàidhlig tighinn dhan tachartas neo-fhoirmeil seo (mar as trice air an Disathairne mu dheireadh den mhìos). Cha Clì Gàidhlig 'gan cur air dòigh.
-
Obar Dheathain - Oilthigh - Tha cearcall còmhraidh is cearcall seinn aig Oilthigh Obar Dheathain.
-
Sradagan - Is e buidhnean coimhearsnachd tro mheadhan na Gàidhlig do chloinn aois 5-12 bliadhna a tha ann an Sradagan. Tha Sradagan a' toirt cothroim do chloinn an sgilean Gàidhlig a leasachadh an co-chomann le daoine eile. Tha seo gu sònraichte cudromach do chloinn aig nach eil sgeul air Gàidhlig ach san sgoil. Tha Sradagan mar dhrochaid eadar sgoiltean is a' choimhearsnachd. Tha clann gam misneachadh gu bhith cleachdadh an Gàidhlig ri diofar dhaoine an diofar shuidheachaidhean agus earbsa ghlacadh nan comas Gàidhlig a chur gu feum.
Stuth ri Leughadh is Èisteachd – Things to Listen to and Read
-
Am Baile - Gheibh thu dealbhan camara, dealbhan, leabhraichean agus irisean sònraichte agus filmichean goirid, earrannan fuaim, geamaichean agus comaigean air an làraich dà-chananach seo. Faigh barrachd a-mach mu eachdraidh agus cultar na Gàidhealtachd 's nan Eilean. Ma tha sibh airson na bhideothan a luchdadh a-nuas, briogaibh an seo. [...]
-
An Gàradh aig Sìne - Sheena's Garden - Leabhar èisteachd dà-chànanach. [...]
-
An Rubha Gaelic Folklife Magazine - Magazine created by Baile nan Gàidheal / Highland Village. Some content is in English, some content is bilingual.
-
An Sgeulachd Ghoirid - Goireas taic airson sgoilearan, oileanaich no daoine aig a bheil ùidh anns na sgeulachdan ghoirid ann an litreachas na Gàidhlig. [...]
-
BBC Alba - Ma bhios tu taobh a-staigh na Rìoghachd Aonaichte is urrainn dhut coimhead air BBC Alba air an iPlayer. Mura bhios, chan fhaigh thu ach prògram naidheachdan An Là. [...]
-
Cainnt Mo Mhàthar - Taisbeanaidh an làrach seo clàraidhean bhidio agus clàraidhean claistinneach de luchd-labhairt na Gàidhlig à Alba Nuadh. Gheibh thu cothrom an-siud a bhith ag èisteachd ri gnàthsan-cainnte agus a' Ghàidhlig làitheil ann an Alba Nuaidh. [...]
-
Ceòl 's Craic - Prògram sa Ghàidhlig air Celtic Music Radio, 95FM 's air loidhne.
-
Clàr - Foillsichear Gàidhlig. Neo-eisimeileach. Saor-thoileach. Beag ann an cumadh. Mòr ann an smuaintean. Air a chur air bhonn ann an 1996. A' dol fhathast.
-
Cuilean Craicte - Club leughaidh do chloinn ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig [...]
-
Dachaigh airson Stòras na Gàidhlig - 'S e tasgadh air-loidhne airson sgrìobhainnean didseatach agus goireasan leicseachail airson Gàidhlig na h-Alba a tha san Dachaigh airson Stòras na Gàidhlig. Tha dà phrìomh roinn ann an DASG, Corpas na Gàidhlig agus Faclan bhon t-Sluagh. [...]
-
Fòram na Gàidhlig air YouTube - Trusadh de bhideothan sa Ghàidhlig air YouTube. Tha leudachadh an-còmhnaidh a dhìth is cuiridh sinn fàilte air moladh bhideothan tro post-d no air a' bhòrd-bhrath againn no air YouTube fhèin. [...]
-
Guthan nan Eilean - Island Voices - Tha a' phròiseict seo airson an dà chuid luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig agus luchd-ionnsachaidh na Beurla. Ann a bhith ag obair le dà chànan còmhla thèid againn air stòras nas motha a thogail airson gach fear dhiubh na bhiodh againn ann am Beurla no Gàidhlig nam biomaid ag obair ann an aon chànan a-mhàin. [...]
-
Gàidhlig Air-loidhne - Seo làrach-lìn airson tidsearan Gàidhlig. An siud gheibh sibh comhairle, beachdan, goireasan is eile a' roinn. [...]
-
Peabar ⁊ Curran - 'S e dealbh-èibhinn saor a th' ann am Peabar ⁊ Curran a tha freagarrach do gach aois agus nochdaidh eapasod ùr mu gach dàrnacha mìos. 'S e fear-ealain Frangach David Revoy a tha san ùghdar is tha e 'ga thabhann an-asgaidh fo cheadachas Creative Commons Attribution 4.0. Cha ghabh an t-ùghdar ach ri tabhartasan saor-thoileach mar thuarastal. Tha gleus tar-sgrìobhaidh aig an dealbh-èibhinn agus nì sibh lorg luath san fhaclair le Wordlink gu luath. Leis an tar-sgrìobhadh, gabhaidh a leughadh os àrd cuideachd. [...]
-
Radio nan Ghaidheal - 'S e BBC Radio nan Gàidheal an aon seirbheis rèidio Gàidhlig nàiseanta ann an Alba. Cluinnear measgachadh farsaing de phrògraman le còrr is 75 uairean air a craoladh gach seachdain.
-
Reul Chearbach Air Chuairt (PDF) - An leabhar làn sgudal a bha 'too racy' dhaibh? - latha craicte ann am baile aig iomall na Gàidhealtachd ann an 1986 agus àm Chernobyl.
-
Sgeul is Seanchas (Pod-craoladh) - Sa phod-craoladh seo, cluinnear measgachadh de sgeulachdan traidiseanta, eachdraidheil is èibhinn anns a' Ghàidhlig bho chuid de na sgeulaichean as fheàrr ann an Alba. Bidh sgeulachd ùr againn dhuibh a h-uile mìos, faicibh ceangal airson na clàraidhean gu h-ìosal. [...]
-
Siar FM - Rèidio coimhearsnachd Barraigh is Bhatarsaigh - Gheibhear prògraman sa Ghàidhlig. [...]
-
Slighe Chaluim Chille - Faigh a-mach mu Chalum Chille - An Naomh Calum Cille - am manach à Èirinn a sheòl à Doire ann an 563 gus manachainn a stèidheachadh air Eilean Ì ann an Alba. [...]
-
Steall - 'S e iris litreachais a th' ann an STEALL a tha ag amas air sgrìobhadh ùr a thoirt gu aire dhaoine — agallamhan, ficsean, aistidhean, bàrdachd, sgrùdadh agus eile. Bidh ùghdaran stèidhichte agus sgrìobhadairean ùra a' nochdadh innte. Cho fad 's a tha an sgrìobhadh math, 's e ann an Gàidhlig, bidh ùidh aig STEALL ann. Nochdaidh an iris a h-uile sia miosan. Tha mu 100-152 duilleag anns gach iris.
-
Stòr-dàta Stuthan Gàidhlig - Gaelic Resource Database - Ann an clàran an stòr-dàta gheibhear fiosrachadh air raon de dh'artaigilean air eachdraidh Albannach, beul-aithris, bàird, beathaichean, eòin, òrain, rannan agus tòimhseachain do chloinn agus mar sin air adhart. Tha stuth audio an cois mòran de na rannan. [...]
-
Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig - Buidheann a tha a' co-òrdanachadh foillseachadh agus sgaoileadh ghoireasan do dh'fhoghlam Gàidhlig air feadh Alba. [...]
-
Tasglann Aonghais MacLeòid - The Angus MacLeod Archive - Air an làrach seo chì sibh àireamh mòr de na nithean a dh'fhàg Aonghas 'Ease' Macleoid M.B.E. (1916-2002) à Taobh Deas na Lochan, Eilean Leòdhais. Tha na cuspairean anns an tasglann a teagaisg mu dhèidhinn cultair agus eachdraidh na Gaidhealtachd agus nan Eileannan Siar air fad, agus chan e mhàin Taobh Deas nan Loch agus Eilean Leòdhais. [...]
-
Tobar an Dualchais - Kist o Riches - Tha mìltean de chlàran-fuaim air an làraich-lìn seo a chaidh a chlàradh ann an Alba agus nas fhaide air falbh, bho na 1930an agus air adhart. Am measg nan clàran cluinnidh tu sgeulachdan, òrain, ceòl, bàrdachd agus fiosrachadh fìrinneach. [...]
-
Wikipedia 'sa Ghàidhlig - Leabhar mòr-eòlais a tha fosgailte do dhuine sam bith. Ann an Wikipedian bidh iomadach neach ag obair ri chèile airson leabhar mòr-eòlais a sgrìobhadh ann an iomadach cànan.
-
Gaelic Literature of Skye: bibliography - Gaelic Literature of the Isle of Skye: an annotated bibliography. Compiled by Anne Loughran
-
LearnGaelic with BBC An Là - Naidheachdan BBC an Là le tras-sgriobhadh is eadar-theangachadh air an làrach LearnGaelic.
-
MacEdward Leach and the Songs of Atlantic Canada - The definitive website for the fieldwork expeditions of MacEdward Leach, American folklorist and ballad scholar, to Cape Breton and Newfoundland in 1949-1950. Contains transcriptions and sound samples for every song collected on these trips, with musical notations for tunes not described elsewhere.
-
Memrise - There are thousands of courses on Memrise - all free and all created by other members of the community. Courses are available in many languages, for many languages and other subjects.
-
e-Stòras: Goireasan foghlaim bho CNES - Cruinneachadh de ghoireasan ionnsachaidh air loidhne, o litreachas gu saidheans. Tha seanail YouTube aca cuideachd. [...]
Ceòl – Music
-
Aig Cridhe ar Ciùil - Tha làrach-lìn "Aig Cridhe Ar Ciùil" a' cruinneachadh còmhla òrain Ghàidhlig -- na facail agus clàraidhean ùra dhiubh bho cuid dhe na seinneadairean as fheàrr a th'againne. Cuideachd, bhon a tha na h-òrain air an cur ann an ochd roinnean, tha sgrìobhadairean eadar-dhealaichte air aistean ghoirid a dhèanamh 's iad a' meòmhrachadh air na cuspairean seo. Leugh, èist agus gabh tlachd anns na tha ri lorg.
-
Bliadhna nan Òran - Tron làraich seo gheibhear taghadh de dh'òrain à tasglann Ghàidhlig a' BhBC. [...]
-
Bothan Inbhir Nis - Club Seinn is Sgeulachdan ann an Inbhir Nis
-
Celtic Lyrics Corner - Lyrics and translations for many contemporary Irish- and Scottish-related musicians. The site has grown and changed quite a bit since its original creation in 2000. It now features more than 280 albums by 74 artists and groups, adding up to just over 2300 song titles.
-
Faclan Òrain Runrig - Runrig Lyrics - Cruinneachadh faclan òrain na Gàidhlig aig Runrig. Chuirear na stràcan a bha a dhìth riutha. [...]
-
Fèisean nan Gàidheal - Tha Fèisean nan Gàidheal a' toirt taic do leasachadh fèisean stèidhichte sa choimhearsnachd 's a bhios a' teagasg ealain air feadh Alba. [...]
-
Seinn thu fhèin! - "Seinn Thu Fhein!" is a karaoke DVD featuring a selection of our favourite songs, set to music and a gorgeous backdrop - all you have to do is sing along to the words that appear in front of you. It's great for those who already speak and sing in Gaelic and perfect for learners, giving them a chance to grow more confident with the language in a fun way. - Blasad air UTube
-
Seòmar an t-Saoghal - Club seinn traidiseanta ann an Dùn Èideann.
-
Struileag - San àm a dh'fhalbh, bha Gàidhlig air a bruidhinn air feadh na h-Alba, agus an-diugh, tha sliochd nan Gàidheal a' fuireach fad is farsaing air feadh an t-saoghail. Theirear 'Diaspora Gàidhlig na h-Alba' ris an t-sluagh sgapte tha seo. Tha Struileag/Cladach gu Cladach a' dealbhachadh mapa dhen diaspora iongantach seo, a' dèanamh ceanglaichean eadar dhaoine a tha a' faireachdainn dluth ris a' chultur a tha mar phàirt dhen DNA aca. Bidh iad a' cliùiteachadh an diaspora seo tro cuirm mhòr a bhios a' tachairt ann an 2014 mar phàirt de Tilleadh Dhachaigh na h-Alba.
Eòlas is Rannsachadh – Science and Studies
-
Ainmean-àite na h-Alba - Tha Ainmean-Àite na h-Alba na chom-pàirteachas chomhairleachail nàiseanta airson ainmean-àite Gàidhlig ann an Alba. 'S e amas aca cruthan ceart de dh'ainmean-àite Ghàidhlig a stèidheachadh airson mhapaichean, shoidhnichean is eile. [...]
-
Faclair na Gàidhlig - 'S e amas an iomairt faclair eachdraidheil Gàidhlig a chruthachadh a bhios cho math ri na faclairean tomadach eachdraidheil a th' againn ann an Albais agus ann am Beurla, mar an Dictionary of the Older Scottish Tongue, an Scottish National Dictionary agus an Oxford English Dictionary. Tha iad sin a-nis rim faotainn air an eadar-lìon agus thèid Faclair na Gàidhlig fhoillseachadh air an eadar-lìon an toiseach cuideachd. [...]
-
Glaschu - Tha Glaschu aithnichte do luchd-labhairt na Gàidhlig mar Bhaile Mòr nan Gàidheal - 'The City of the Gaels' - ainm glè fhreagarrach do dh'àite a tha air a bhith na phàirt cho mòr ann an saoghal nan Gàidheal o chionn linntean. Tha deagh aithne air an imrich a b' fheudar tachairt às a' Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan san 19mh linn, ach tha nas lugha mothachail gu bheil freumhaichean Gàidhlig a' bhaile mhòir seo a' dol air ais fada roimhe sin. Mun àm a chaidh borgh Ghlaschu a stèidheachadh anns na 1170an, bha an sgìre mun cuairt air a bhith làn Gàidhlig airson còrr air 200 bliadhna. Tha cuimhneachan làidir den seo ri fhaicinn ann an soirbheachadh air còrr agus 100 ainm-àite Gàidhlig taobh a-staigh crìochan a' bhaile san latha an-diugh. Thar nan linntean, tha Gàidheil air a bhith a' tighinn o fhad' is farsaing a Ghlaschu ann an àireamhan mòra, agus air cur ris gach taobh den bheatha sa bhaile. Ach chan eil an dimeinsean Gàidhlig den obair seo an-còmhnaidh air aithne fhaotainn no fiù tuigse - dearmad a tha am pròiseact seo a' coimhead ri chur ceart. [...]
-
Leabhar Abaid Dhèir - The Book of Deer - The Book of Deer (Evangelia) is a Gospel Book written in a hand that was current in the period c. 850-1000 and generally dated to the first half of the tenth century. While the manuscripts to which the Book of Deer is closest in character are all Irish, scholars have tended to argue for a Scottish origin, and it is widely regarded as the earliest manuscript produced in Scotland. Of the four Gospels only the text of St John is complete. Each Gospel is prefaced by a full-page illumination (1v, 16v, 29v, 41v). The manuscript belongs to the category of 'Irish pocket Gospel Books', produced for private use rather than for church services. [...]
-
Ludwig Mòr nan Òran - Rannsachadh air fuinn Ghàidhlig a chleachd Ludwig van Beethoven sa chuid ciùil. Tha an làrach-lìn sa Gearmailtis.
-
Pròisect MhicGilleMhìcheil MhicBhatair - Tha e san amharc aig Pròiseict MhicGilleMhìcheil MhicBhatair an cruinneachadh luachmhor seo - fear de na goireasan beul-aithris as motha a th' anns an t-saoghal air fad - a thoirt am follais tro cheumannan socair rianail. [...]
-
Soillse - Lìonradh nàiseanta rannsachaidh airson glèidheadh agus ath-bheòthachadh na Gàidhlig a tha a' dol a' cruthachadh cothroman ùra airson rannsachadh agus ionnsachadh mu deidhinn cultar agus cànan nan Gàidheal. [...]
-
Tobar an Dualchais - Kist o Riches - 'S e proiseact ùr inntinneach a th' ann an Tobar an Dualchais a tha ag amas air clàran-fuaim Gàidhlig agus Albais a chur gu cruth didseatach agus a chatalogadh, gus an sgaoileadh air-loidhne. Nì seo cinnteach gun glèidhear am beairteas mòr sgeulachdan, bàrdachd, ciùil agus fiosrachaidh mar chunntas àraid de chultar agus cànan na h-Alba. Mar thoradh, bidh na clàran rim faighinn gu furasta airson feumalachdan foghlaim agus pearsanta. [...]
-
Gaelic in a Bilingual Community - Aithisg air pròiseact a rinn Gordon Wells ann an Uibhist. [...]
-
Linguae Celticae - Gàidhlig (Scottish Gaelic) Local Studies - In the framework of a number of European project initiatives it has been possible to investigate the development of Scottish Gaelic in local detail for the past 125 years. The studies deal with local communities which were predominantly Gaelic-speaking at the end of the 19th century. Based mainly (but not exclusively) on local population census information the reports strive to examine the state of the language through the ages from 1881 until today. The most relevant information is gathered comprehensively for the smallest geographical unit possible and provided area by area - a very useful reference for people with interest in their own community. Furthermore the impact of recent developments in education (namely teaching in Gaelic medium and Gaelic as a second language) is analysed for primary school catchments.
-
North American Association for Celtic Language Teachers - NAACLT is a non-profit professional organization bringing together Celtic language teachers and researchers in Canada and the United States. The association wishes to enable its members to contribute to the greater field of second/foreign language learning through conference participation and publications.
-
Scottish Gaelic Dialect Survey - Cartographic illustration of some of the varying pronunciations of words in Scots Gaelic. Author: Douglas M Fraser, 2014
-
The Arizona Scottish Gaelic Syntax Project - The Arizona Scottish Gaelic Syntax Project web site is currently in development. It's aim is to provide resources concerning Scottish Gaelic Syntax. Using modern linguistic field techniques Prof. Andrew Carnie and Scottish Gaelic native speaker Muriel Fisher will gather data about the language's grammar and words. The output of this fieldwork will be a web-accessible database of Scottish grammatical structures and a complete descriptive grammar of the language, and subsequent to the grant, teaching materials. In addition, in doing this research a graduate student will be trained in the techniques of grammatical description of an endangered language. This training will allow the student to do similar work on other endangered heritage languages. This work has important implications for documenting and preserving the linguistic traditions of the Scottish and Scottish-American communities.
Buidhnean na Gàidhlig – Gaelic Organisations
-
Ainmean-Àite na h-Alba - 'S e amasan Ainmean-Àite na h-Alba aineam-àite Gàidhlig a stèidheachadh air feadh na h-Alba le sùil ri cumaidhean eachdraidheil 's ri daingneachadh cleachdaidhean an latha an-diugh, litreachadh seasmhach a chur an gnìomh air Gàidhlig ann an ainmean-àite agus na cumaidhean seo a bhrosnachadh mar ainmean stèidhte. [...]
-
An Comunn Gàidhealach - 'S e An Comunn Gàidhealach tè de na buidhnean as sinne 's aithnichte ann an saoghal na Gàidhlig. Bhon a chaidh a stèidheachadh san Òban ann an 1891, tha i air cliù a dhearbhadh ann an teagaisg, ionnsachadh agus cleachdadh a' chànain agus air brosnachadh a thoirt dha leudachadh litreachas, eachdraidh, ceòl agus ealain na Gàidhlig. Leis a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail fo sgèith agus obair leasachaidh sna coimhearsnachdan a' dol am meud, tha An Comunn fhathast a' daingneachadh na amais a bhith a' brosnachadh agus a' neartachadh cànan, cultar, eachdraidh agus dualchas na Gàidhlig aig ìrean ionadail, nàiseanta agus eadar-nàiseanta. [...]
-
An Comunn Gàidhealach Ameireaganach - An Comunn Gàidhealach Ameireaganach strives to promote and preserve the Gaelic language and culture by supporting Gaelic language study and interest in Gaelic literature, song, music, art and history in North America and the world.
-
Bòrd na Gàidhlig - 'S e buidheann phoblach neo-roinneil ghnìomhach a th' ann am Bòrd na Gà idhlig a tha cunntachail tro Mhinistearan do Phà rlamaid na h-Alba. [...]
-
Bilingualism Matters - Bilingualism Matters is a research and information centre at the University of Edinburgh, founded by Prof. Antonella Sorace in 2008. We study bilingualism and language learning, and communicate what we know to enable people to make informed decisions based on scientific evidence. We have partner branches run by international teams of researchers in many countries around the world. We think that everyone can enjoy the benefits of having more than one language. [...]
-
Clì Gàidhlig - B' e Clì Gà idhlig (a bha air ainmeachadh Comann an Luchd-Ionnsachaidh o thùs ann an 1984) buidheann a tha a' brosnachadh na Gà idhlig a-measg luchd-ionnsachaidh. [...]
-
Clann Gàidhlig - Chaidh a' bhuidheann ClannGàidhlig a' stèidheachadh ann am Màirt 2004 airson cànan agus cultar na Gàidhlig adhartachadh anns na sgìrean ionadail aig comhairlean Siorrachd Rinn Friù, Inbhir Chluaidh agus Siorrachd Rinn Friù an Ear. [...]
-
Comann Gàidhlig Ghlaschu - Bidh an Comann a' cur air dòigh sreath òraidean a' buntainn ris a' Ghàidhlig agus a' Ghàidhealtachd, a' coinneachadh gach mìos air oidhche ArdAoin ann an Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu. [...]
-
Comann nam Pàrant - Tha mu 30 buidheann Comann nam Pàrant (CnP) air feadh Alba, a' riochdachadh phàrantan aig a bheil clann a tha a' faighinn foghlam tro mheadhan na Gàidhlig aig diofar ìrean, bho chròileagan gu àrd-sgoil. 'S e prìomh amas gach buidheann "a bhith a' cur air adhart agus a' toirt taice do stèidheachadh is cumail suas foghlam tro mheadhan na Gàidhlig". 'S ann air sàillibh strì phàrantan a thòisich foghlam tro mheadhan na Gàidhlig (FTMG) ann an 1985. Feumaidh taic nam pàrant leantainn ma tha tuilleadh adhartais a' dol a thighinn air an t-siostam foghlaim seo. [...]
-
Comhairle na Gàidhlig - The Gaelic Council of Nova Scotia - Tha Comhairle na Gàidhlig an dùil a bhith na meadhan air àrainneachd a chruthachadh far an soirbhich le cànain, le cultar agus le coimhearsnachdan. [...]
-
Comunn Gàidhlig Astràilia (Facebook) - Tha Comunn Gàidhlig Astràilia na bhuidheann coimhearsnachd neo-phrothaideach a tha a' misneachadh cànan is cultar nan Gaidheal ann an Astràilia. Bhiodh sinn toilichte a bhith a' cluinntinn bho dhuine sam bith le ùidh anns na nithean sin. [...]
-
Comunn Gàidhlig Inbhir Nis - The Gaelic Society of Inverness was established in 1871 for the specific purpose of "cultivating the language, poetry and music of the Scottish Highlands and generally furthering the interests of the Gaelic-speaking people". It has continued this work for over 130 years. Central to the Society is a series of between eight and ten meetings, held in each winter in Inverness, at which invited speakers present papers to the Society. Every two years or so a selection of these papers is published in book form in the Transactions of the Gaelic Society of Inverness.
-
Comunn Gàidhlig Lunnainn - Tha barrachd rudan Gàidhlig a' dol ann an Lunnainn na shaoileadh tu. Nan teis-meadhan, bho riamh, tha Comunn Gàidhlig Lunnainn; comunn a chaidh a stèidheachadh anns an ochdamh linn deug. Is e an comunn Gàidhlig as sine air thalamh. [...]
-
Comunn na Gàidhlig - Bho ìre eadar-nàiseanta gu ìre choimhearsnachd, tha CnaG a' neartachadh na Gàidhlig anns gach àite. [...]
-
Fòram Gàidhlig Shiaboist - Chaidh Plana Gàidhlig Shiaboist a chur air dòigh le muinntir na sgìre fhèin a thàinig còmhla gus "Fòram Gàidhlig Shiaboist" a stèidheachadh còmhla ri riochdairean o Bhòrd na Gàidhlig, Comunn na Gàidhlig agus buidhnean Gàidhlig eile. Chaidh am Fòram a stèidheachadh an dèidh 'Latha Gàidhlig Shiaboist' far an deach fiosrachadh a thoirt dhan choimhearsnachd air staid na Gàidhlig an Siabost, a' leantainn rannsachadh a bh' air a dhèanamh. Bhon uair sin tha am Fòram air mòran obrach a dhèanamh a' comharrachadh nam prìomh raointean obrach far an tèid a' Ghàidhlig fhoillseachadh san sgìre. Taobh a-staigh na duilleig sa chì sibh diofar chur-seachadan, bùithtean-obrach is tachartasan eile a thèid an lìbhrigeadh sna mìosan air thoiseach oirnn agus cò iad na buidhnean air am bheil uallach an lìbhrigeadh.
-
Iomairt Ghàidhlig Dhùn Èideann (Facebook) - 'S e com-pàirteachas leasachaidh a th' ann an Iomairt Ghàidhlig Dùn Èideann. Tha e a' toirt cumhachd don choimhearsnachd airson leasachadh na Gàidhlig le taic 's stiùireadh bho Chomunn na Gàidhlig. [...]
-
Leabhraichean Sìl - Sìol Books (Facebook) - Sìol Cultural Enterprises is a privately owned and operated Gaelic retailer-wholesaler (Tha a' Ghàidhlig aca ma bhios sibh ag iarraidh 'ga bruidhinn). They specialize in Scottish Gaelic books, tapes and videos from both Scotland and Nova Scotia (in eastern Canada).
-
MG Alba - Is e dleastanas MG ALBA (ainm gnìomha Sheirbheis nam Meadhanan Gàidhlig) fo Achd Chonaltraidh 2003 dèanamh cinnteach gu bheil deagh phrògraman Gàidhlig rim faotainn airson dhaoine ann an Alba. Ann an co-bhanntachd leis a' BhBC, tha MG ALBA air BBC ALBA, an t-seirbheis dhidseatach Ghàidhlig, a stèidheachadh. [...]
-
Misneachd Alba - Tha am buidheann fosgailte seo a' feuchainn ri misneachd a thoirt dhan h-uile duine ann an Alba a bhith pròiseil às a' chànan againn. Is i cànan a tha bunaiteach a thaobh dearbh-aithne nàiseanta na h-Alba, bu chòir misneachd a bhith againn ga cleachdadh.
-
North American Association for Celtic Language Teachers - NAACLT is a non-profit professional organization bringing together Celtic language teachers and researchers in Canada and the United States. The association wishes to enable its members to contribute to the greater field of second/foreign language learning through conference participation and publications.
-
Ùlpan - Clasaichean Gàidhlig do dh'inbhich is trèanadh oidean. [...]
Ainmean-àite is mapaichean – Placenames and Maps
-
Ainmean-Àite na h-Alba - 'S e amasan Ainmean-Àite na h-Alba aineam-àite Gàidhlig a stèidheachadh air feadh na h-Alba le sùil ri cumaidhean eachdraidheil 's ri daingneachadh cleachdaidhean an latha an-diugh, litreachadh seasmhach a chur an gnìomh air Gàidhlig ann an ainmean-àite agus na cumaidhean seo a bhrosnachadh mar ainmean stèidhte. [...]
-
Ainmean-àite le buidheachas do dh' Iain Mac an Tàilleir - Stòr-dàta fiosrachaidh air ainmean-àite ann an Alba bhon leabhar le Iain Mac an Tàilleir. Mu 2000 ainm, Beurla-Gàidhlig agus mìneachadh. Iain Mac an Tàilleir, 2003. [...]
-
Alba: Mapa Gàidhlig de dh'Alba - Mapa Gàidhlig de dh'Alba le ainmean-àite, cumadh tìre agus grunnd na mara, dòighean siubhail agus ùghdarrasan ionadail. Sgèile 1 : 850,000. Stòrlann, 2007. [...]
-
Mapa aig Newsnet Scotland - Mu 3000 ainmean-àite. Meud: 1189 x 841 mm, no 46.8 x 33.1 òirleach. Sgèile: 1:660,000. Còig meanbh-mhapa air Glaschu, Dùn Èideann, Dun Deagh, Obar Dheathain is Sgìre na h-Eaglaise Bige/Shruighlea le sgèile 1:140,000. Le Pòl Caomhánach, Newsnet Scotland, 2012. [...]
-
Old Maps Online - Rannsaich ann an seann mhapaichean. [...]
-
Sgeama rathaidean-iarainn na h-Alba - Sgeama nan rathaidean-iarrainn trì-chànanach, sa Ghàidhlig, Beurla agus Beurla Ghallta air a dhèanamh le Pòl Caomhánach. Newsnet Scotland, 2011. [...]
-
Mapa Tìr Chaluim Chille - Tha am mapa "Tìr Cholmcille" ag atharrachadh mar a tha daoine a' faicinn an dàimh eadar Alba agus Èirinn. Tha e a' sealltainn Èirinn agus Alba a' coimhead air a chèile Tha e air a chlò-bhualadh le Harper Collins, agus tha ìomhaigh an dà dhùthaich cho ceart ri clàr sam bith eile. Tha na ainmean-àite ann an Gàidhlig agus Gaeilge. Colmcille, 2012. [...]
Bùthan air loidhne – Online Shops
-
Comhairle nan Leabhraichean - Buth leabhraichean Gàidhlig ann an Glaschu. Faodar leabhraichean a cheannachd air loidhne cuideachd. [...]
-
Brochan no Bàs - Lèintean-t Gàidhlig.
-
Polcan-faing - Bùth lèintean-t le Gàidhlig is corra cànan inntinneach eile orra.
-
Ùr-nòs - Bùth-aodach ùr-nòsach Gàidhealach. Stùth airson spòrs 's a bhith ri spòrs.
Cànanan eile – Other languages
-
Daltaí na Gaeilge - Fiosarachadh is goireasan mu Ghàidhlig na h-Eireann. [...]
-
Global Voices - Coimhearsnachd de bhlogaichean eadar-nàiseanta. [...]
-
Glossmaster - Stòr-dàta ioma-chànanach de fhaclan coimpiutaireachd. [...]
-
Indigenous Tweets - Cruinneachadh de dh'inbhirean Twitter ann am mion-chànanan. Gheibhear blogaichean cuideachd. [...]
-
Kervarker - Fiosrachadh mun Bhreatnais [...]
-
Keskewsel - Clasaichean na Còrnais [...]
-
Kowethas an Yeth Kernewek - Buidheann carthannas airson leasachadh na Còrnais. [...]
-
Linguae Celticae - Làrach-lìn saidheansail sa Gearmailtis mu na cànanan Ceilteach. [...]
-
Manx Heritage Foundation - Buidheann brosnachaidh airson cultar an Eilein Mhanainn [...]
-
New Tactics - Using Citizen Media Tools to Promote Under-Represented Languages - Deasbaid air brosnachadh nam mion-chànanan air an lìn. [...]
-
Omniglot - Leabhar-eòlais air siostaman sgrìobhaidh is cànanan [...]
-
Rathlin and Glens Irish - Blog concerned with teaching the Gaelic of Rathlin Island and the Glens of Antrim.
-
Tríar Manach - Seann fealla-dhà Gàidhlig air eadar-theangachadh gu iomadach cànan [...]
-
Unilang - Coimhearsnachd luchd-ionnsachaidh cànanan an t-saoghail. [...]
-
Ynsee Gaelg - Goireasan mu Ghàidhlig Eilean Mhanainn. [...]
Làraichean Measgaichte – Miscellaneous Sites
-
Ceanglaichean na Gàidhlig - 'S e amas an làrach-lìn seo tasglann a chruthachadh dhen eadar-lìon Gàidhlig. [...]
-
Gaelic Online - 'S e portal a th'ann an Gaelic Online, a' cruinneachadh ceangalan a tha a' buntainn ris a' Ghaidhlig, a' toirt thugad na naidheachdan as uire, agus ag obair mar aite far an lorg tu fiosrachadh ur agus inntinneach gu luath! Thathar an comhnaidh a leasachadh na tha innte. [...]
-
Gaelic Prayers - Cruinneachadh dhe dh'ùrnaighean sa Ghàidhlig [...]
-
LearnGaelic - Aon àite air an eadar-lìon airson a h-uile duine le ùidh ann a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig na h-Alba. Ge bith dè an aois a tha thu, no dè an t-eòlas a tha agad, tha cuideachadh dìreach cliog air falbh. [...]
-
Open University Course - Gaelic in modern Scotland - Created with the positive encouragement of Bòrd na Gàidhlig and with support from BBC Alba, this unit - available in both Gaelic and English - has been designed to provide a resource for people with a personal or professional interest in increasing their knowledge and understanding of the development and impact of Scottish Gaelic and its culture. It aims to surprise and challenge where necessary; to provide links and ideas for further research; and, for some, to kick-start a journey into learning a language which is integral to Scotland's national identity.
-
Seachd - Film 'sa Ghàidhlig a tha ri fhaighnn air DVD. [...]
-
Survey PRAEG - Tha feum aig TRP Research agus MG ALBA air ur cuideachadh gus tuigsinn mar a tha TBh, Rèidio agus seirbheisean air-loidhne air an cleachdadh am measg Luchd-labhairt agus Luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig! Ma tha Gàidhlig agad no ma tha thu ag ionnsachadh Gàidhlig agus a' còmhnaidh ann an Alba, feuch gun tig thu air Pannal Rannsachaidh Amhairc & Èisteachd na Gàidhlig (PRAEG) agus thoir do bheachd air na prògraman telebhisein a tha thu a' coimhead, na prògraman rèidio ris am bi thu ag èisteachd agus na làraichean-lìn a bhios tu a' cleachdadh. Thèid iarraidh ort suirbhidh goirid 10 mionaidean a lìonadh gach seachdain. Faodaidh tu a lìonadh aig àm sam bith a bhios freagarrach dhut - chan fheum e a bhith dèante aig an aon àm gach seachdain. [...]
An deasachadh mu dheireadh: 15mh dhen Ògmhios 2022 11:57:08