Fòram na Gàidhlig Fòram na Gàidhlig
Coimhearsneachd airson ionnsachadh is leasachadh na Gàidhlig
 
 
 

Leugh is Èist / Listen & Read
 
Leugh is Èist / Listen & Read

 

 



An duilleag seo ann an Wordlink



Lorg

Loading


Fòram na Gàidhlig air Facebook



Fòram na Gàidhlig air Twitter



Fòram na Gàidhlig air Youtube


 

Stuth ri Leughadh is Èisteachd   -   Things to Listen to and Read

Sealladh clò-bhualaidh  

Am Baile

Gheibh thu dealbhan camara, dealbhan, leabhraichean agus irisean sònraichte agus filmichean goirid, earrannan fuaim, geamaichean agus comaigean air an làraich dà-chananach seo. Faigh barrachd a-mach mu eachdraidh agus cultar na Gàidhealtachd 's nan Eilean. Ma tha sibh airson na bhideothan a luchdadh a-nuas, briogaibh an seo.

You will find photographs, illustrations, rare books and documents as well as short films, audio clips, interactive games and comics on this bilingual site. Discover the history and culture of the Scottish Highlands and Islands. If you wish to download the videos, click here.

BBC Alba

Ma bhios tu taobh a-staigh na Rìoghachd Aonaichte is urrainn dhut coimhead air BBC Alba air an iPlayer. Mura bhios, chan fhaigh thu ach prògram naidheachdan An Là.

If you are in the UK you can watch BBC Alba on iPlayer. Otherwise, you can only get the news programme An Là.

Tasglann Aonghais MacLeòid - The Angus MacLeod Archive

Air an làrach seo chì sibh àireamh mòr de na nithean a dh'fhàg Aonghas 'Ease' Macleoid M.B.E. (1916-2002) à Taobh Deas na Lochan, Eilean Leòdhais. Tha na cuspairean anns an tasglann a teagaisg mu dhèidhinn cultair agus eachdraidh na Gaidhealtachd agus nan Eileannan Siar air fad, agus chan e mhàin Taobh Deas nan Loch agus Eilean Leòdhais.

This website contains a selection of material left by the late Angus 'Ease' Macleod MBE (1916-2002) of South Lochs in the Isle of Lewis. The scope and interest of the Archive extends much more widely than South Lochs or even Lewis to encompass themes which are relevant to the history of the Highlands and Islands more generally.

Cainnt Mo Mhàthar

Taisbeanaidh an làrach seo clàraidhean bhidio agus clàraidhean claistinneach de luchd-labhairt na Gàidhlig à Alba Nuadh. Gheibh thu cothrom an-siud a bhith ag èisteachd ri gnàthsan-cainnte agus a' Ghàidhlig làitheil ann an Alba Nuaidh.

This website showcases video and audio recordings of Gaelic speakers from Nova Scotia. It gives you the chance to hear the everyday, idiomatic Gaelic spoken there.

Clàr

Foillsichear Gàidhlig. Neo-eisimeileach. Saor-thoileach. Beag ann an cumadh. Mòr ann an smuaintean. Air a chur air bhonn ann an 1996. A' dol fhathast.

The Coll Magazine

Iris Coimhearsnachd Eilean Cholla.

Community magazine of the island of Colla.

Cur is Fàs

Cuairt-litir dà-chànanach aig Comunn na Gàidhlig.

Comunn na Gàidhlig's bilingual newsletter.

Fòram na Gàidhlig air YouTube

Trusadh de bhideothan sa Ghàidhlig air YouTube. Tha leudachadh an-còmhnaidh a dhìth is cuiridh sinn fàilte air moladh bhideothan tro post-d no air a' bhòrd-bhrath againn no air YouTube fhèin.

Collection of Gaelic language videos on Youtube. We are always looking for more, so if you have a suggestion, please let us know per e-mail, on our messageboard, or directly on YouTube.

Gaelic Literature of Skye: bibliography

Gaelic Literature of the Isle of Skye: an annotated bibliography. Compiled by Anne Loughran

Gàidhlig Air-loidhne

Seo làrach-lìn airson tidsearan Gàidhlig. An siud gheibh sibh comhairle, beachdan, goireasan is eile a' roinn.

Learning and Teaching Scotland (LTS) provides advice, support, resources and staff development to the education community, creating a culture of innovation, ambition and excellence throughout Scottish education.

An Gàradh aig Sìne - Sheena's Garden

Leabhar èisteachd dà-chànanach.

Bilingual audiobook.

Guthan nan Eilean - Island Voices

Tha a' phròiseict seo airson an dà chuid luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig agus luchd-ionnsachaidh na Beurla. Ann a bhith ag obair le dà chànan còmhla thèid againn air stòras nas motha a thogail airson gach fear dhiubh na bhiodh againn ann am Beurla no Gàidhlig nam biomaid ag obair ann an aon chànan a-mhàin.

This website carries news about the progress of the Guthan nan Eilean/Island Voices project, provides an interactive means of communicating ideas and suggestions, and hosts pages of links to new video materials. The project is bilingual and aims to collect video slices of life and work in the Hebrides, primarily for language learners. The work is islands-based, and includes provision for training for tutors and others, with a view to encouraging further community-based recording.

LearnGaelic with BBC An Là

Naidheachdan BBC an Là le tras-sgriobhadh is eadar-theangachadh air an làrach LearnGaelic.

Radio nan Ghaidheal

'S e BBC Radio nan Gàidheal an aon seirbheis rèidio Gàidhlig nàiseanta ann an Alba. Cluinnear measgachadh farsaing de phrògraman le còrr is 75 uairean air a craoladh gach seachdain.

Reul Chearbach Air Chuairt (PDF)

An leabhar làn sgudal a bha 'too racy' dhaibh? - latha craicte ann am baile aig iomall na Gàidhealtachd ann an 1986 agus àm Chernobyl.

An Sgeulachd Ghoirid

Goireas taic airson sgoilearan, oileanaich no daoine aig a bheil ùidh anns na sgeulachdan ghoirid ann an litreachas na Gàidhlig.

A support resource for pupils, students or individuals with an interest in the short stories which appear in Scottish Gaelic literature.

Siar FM

Rèidio coimhearsnachd Barraigh is Bhatarsaigh - Gheibhear prògraman sa Ghàidhlig.

Siar FM is Barra and Vatersay Community Radio -- a community led local radio project, which will not be for individual financial or commercial gain, but dedicated to serving the community as a communication tool. They have programs in Gaelic.

Slighe Chaluim Chille

Faigh a-mach mu Chalum Chille - An Naomh Calum Cille - am manach à Èirinn a sheòl à Doire ann an 563 gus manachainn a stèidheachadh air Eilean Ì ann an Alba.

Discover the story of Colmcille - St Columba - the Irish saint who set sail from Derry in 563 to found his monastery on the Scottish island of Iona.

Stòr-dàta Stuthan Gàidhlig - Gaelic Resource Database

Ann an clàran an stòr-dàta gheibhear fiosrachadh air raon de dh'artaigilean air eachdraidh Albannach, beul-aithris, bàird, beathaichean, eòin, òrain, rannan agus tòimhseachain do chloinn agus mar sin air adhart. Tha stuth audio an cois mòran de na rannan.

The database records offer information on a range of articles on Scottish history, oral tradition, bards, animals, birds, songs, rhymes and riddles for children etc. Many of the rhymes include audio.

Tobar an Dualchais - Kist o Riches

Tha mìltean de chlàran-fuaim air an làraich-lìn seo a chaidh a chlàradh ann an Alba agus nas fhaide air falbh, bho na 1930an agus air adhart. Am measg nan clàran cluinnidh tu sgeulachdan, òrain, ceòl, bàrdachd agus fiosrachadh fìrinneach.

This website contains thousands of oral recordings recorded in Scotland and further afield, from the 1930s onwards. The items you can listen to include stories, songs, music, poetry and factual information.

Wikipedia 'sa Ghàidhlig

Leabhar mòr-eòlais a tha fosgailte do dhuine sam bith. Ann an Wikipedian bidh iomadach neach ag obair ri chèile airson leabhar mòr-eòlais a sgrìobhadh ann an iomadach cànan.