MuseScore - Prògram ceòl-sgrìobhaidh

Naidheachdan   -   News

Leum gu duilleag:
Inbhir RSS airson na duilleige seo
Sealladh clò-bhualaidh Dèan ceangal dhan naidheachd seo

MuseScore - Prògram ceòl-sgrìobhaidh


Tùs: Fòram na Gaidhlig
Roinnean-seorsa: Bathar-bog - Software
musescore-screenshot1.png
'S e prògram ceòl-sgrìobhaidh a th' ann am MuseScore a tha saor is open source. Gabhaidh sgòran air ìre proifeiseanta a chruthachadh leis gun duilgheadas. Gabhaidh meur-chlàr MIDI a chleachdadh leis agus na sgòran ion-phortadh is às-phortadh slighe MusicXML, MIDI is a bharrachd. Tha e an-asgaidh is gun chuingeachadh.

Gheibh sibh e air musescore.org

Sealladh clò-bhualaidh Dèan ceangal dhan naidheachd seo

Geama ùr: Flare - Empyrean Campaign


Tùs: Fòram na Gàidhlig
Roinnean-seorsa: Geamannan - Games
flare-empyrean-screenshot1.png flare-empyrean-screenshot3.png flare-empyrean-screenshot5.png flare-empyrean-screenshot7.png
'S e geama riochd-chluiche action 2D a th' ann am Flare. Tha e caran coltach ri Diablo.



Seo Impirean, am baile sna speuran. 'S e dùn mòr a th' ann agus daingneachadh mu dheireadh nan daoine. Tha daoine an uachdair an dòchas gun dig an latha a thilleas iad gu Impirean. An dòchas gun sabaid gaisgeach ris an dorchadas.

flarerpg.org

Sealladh clò-bhualaidh Dèan ceangal dhan naidheachd seo

Geama brabhsair: Dreagan


Tùs: Dreagan air Scratch
Roinnean-seorsa: Geamannan - Games
dreagan-screenshot.png
Bha mi airson beagan spòrs an-diugh agus rinn mi geama eile le Scratch. Gabhaidh tlachd às!

Agus eadar dà sgeul, tha an cànan prògramachaidh Scratch deich bliadhna a dh'aois a-nis. Meal do naidheachd, a Scratch!

Sealladh clò-bhualaidh Dèan ceangal dhan naidheachd seo

Geama ùr dhuibh: Minecraft Realms


Tùs: Fòram na Gàidhlig
Roinnean-seorsa: Geamannan - Games
minecraft-screenshot1.png minecraft-screenshot3.png
Tha mi air geama eile eadar-theangachadh dhuibh le taic o Akerbeltz agus Zwalla28. Seo dreach dhen gheama mhòr-chòrdte Minecraft a th' ann a mhol eadar-theangadair Breatnach dhuinn on a ghabhas eadar-theangachadh gu saor agus seo Minecraft Realms.
minecraft-screenshot2.png
'S e geama a th' ann am Minecraft far an rùraich an cluicheadair mapa innsginneach a tha 'na blocaichean aig a bheil meud dhe meatair ciùbach. A bharrachd air na blocaichean, bheir an àrainneachd lusan, nàimhdean is nithean dhut. Cruinnich stòrasan sa gheama gus a thochladh, sabaid an aghaidh nàimhdean, blocaichean is acainnean ùra a dhèanamh. On a bhios saoghal fosgailte agad, 's urrainn dhut structaran a thogail no obair-ealain a chruthachadh agus iomadh gnìomh eile a dhèanamh air frithealaiche ioma-chluicheadair no 'nad aonar air na mapaichean agad fhèin.
minecraft-screenshot4.png
'S e seirbheis òstadh fhrithealaichean oifigeil a th' ann am Minecraft Realms a tha stèidhichte air fo-sgrìobhaidhean agus a leigeas leis na cluicheadairean na frithealaichean Minecraft prìobhaideach aca fhèin a chruthachadh 's a stiùireadh agus seo an aon tionndadh dhe Minecraft a ghabhas eadar-theangachadh gu saor. Tha Realms 'ga òstadh le Mojang, agus bheir e dòigh furasta is luath dhut gus frithealaichean a chruthachadh agus bheir e comas dhan òstair gus na frithealaichean a stiùireadh am broinn a' gheama gun fheum air eòlas air mar a dh'obraicheas òstadh air an eadar-lìon. Leigidh Realms le cluicheadairean taghadh o liosta dhe mheanbh-gheamannan cuideachd (a thèid ùrachadh le Mojang mu gach cola-deug) airson cluich gu sealach agus gheibh thu teamplaidean saoghail agus mapaichean dànachd is fidridh 'na chois cuideachd. Chan eil frithealaichean mòra poblach fainear Realms ach buidhnean de charaidean no teaghlaichean.
minecraft-screenshot5.png
'S urrainn dhut an geama a luchdadh a-nuas o Minecraft Realms is an tionndadh demo fheuchainn mus ceannaich thu e. Cuiridh tu a' Ghàidhlig air sa chlàr-taice "Options..." às dèidh an geama a thòiseachadh.

Sealladh clò-bhualaidh Dèan ceangal dhan naidheachd seo

Tha an deasaiche video Shotcut ri fhaighinn sa Ghàidhlig a-nis


Tùs: Fòram na Gàidhlig
Roinnean-seorsa: Bathar-bog - Software
shotcut-screenshot1.png
'S e deasaiche video airson Windows, Mac agus Linux a th' ann an Shotcut a tha saor is open source. Is na gleusan as cudromaiche aige gun cuir e taic ri roghainn fharsaing dhe dh'fhòrmatan; nach eil feum air ion-phortadh ach an deasaich thu an loidhne-ama leis an fhaidhle tùsail sa bhad; taic ri Blackmagic Design gus sùil a chumail air an ion-chur 's an ro-shealladh; agus taic ri dùmhlachd-bhreacaidh suas ri 4k.

Gheibh thu e an-asgaidh air shotcut.org.


Roghainnean an t-seallaidh:
Bho:                
Gu:                
Roinnean-seòrsa:
Òrdugh a rèir:        
Leum gu duilleag:
Inbhir RSS airson na duilleige seo
An deasachadh mu dheireadh: 30mh dhen Iuchar 2018 15:22:37