Naidheachdan / News

Fòram na Gàidhlig > Naidheachdan / News

Tha Rèidio Guth nan Gàidheal a' sireadh taic

24mh dhen Mhàrt 2016 08:02:44
Tùs: Fòram na Gàidhlig.
Air a lorg le: sr3nitygirl
Roinnean-seorsa: Telebhisean 's rèidio - Television & Radio
ameireagalogo.png
Tha Rèidio Guth nan Gàidheil a' sireadh daoine a chuireas ris na prògraman aca. Gheibh thu barrrachd fiosrachaidh air mar a thèid thu an sàs ann air an làrach-lìn aca.
Às-earrann:
Fhad 's a bhios Guth nan Gàidheal a' faighinn deiseil airson craolaidh, bidh buidheann beag saor-thoileach trang a' deasachadh ar prògraman toiseachail.

Chaidh Guth nan Gàidheal a chur air chois mar phròiseact saor-thoileach, le buill ACGA agus daoine eile nach eil an lùib anns a' bhuidheann ach aig a bheil ùidh anns a' Ghàidhlig 's iad a' dealbhachadh prògraman gus toileachas fhaotainn dhan a h-uile duine asta.

Agus 's urrainn dhutsa ar cuideachadh.

An do smaoinich thu riamh air craoladh réidio no am pod-chraoladh agad-fheìn a dhèanamh mu dheidhinn na Gàidhlig no dualchas nan Gàidheal (anns a' Ghàidhlig no anns a' Bheurla), no ma dh'fhaoidte an do bheachdaich thu air prògram rèidio agad fhèin ach an do chreid thu gu robh e thar do chomais?

Uill, tha cothrom agad a-nis . . .

Ma tha beachd-smaoin agad airson prògram Guth nan Gaidheal, carson nach bruidhinn thu ruinn mu a deidhinn? Faodaidh tu Program Submission Form iarraidh oirnn. Lìon am foirm agus cuir e air ais thugainn. Faighnichidh am foirm seo bun-cheistean dhut air do bheachd-smuain gus am faigh sinn tuigse nas fheàrr air do mholadh agus bidh na freagairtean cuideachail dhuinn nuair a tha sinn a' dèanamh co-dhùnadh. Ma bheir thu tuilleadh fiosrachaidh dhuinn mu dheidhinn do smaointean, bidh e nas fhasa dhuinn roghainn a chur nam biodh sinn comasach a dhol air adhart.

Chan eil e gu diofair nach eil gnàth-eòlas ann an clàradh-claisneachd agus cinneasachadh prògraman agad oir tha sinn air Program Production Guide (PPG) a sgrìobhadh air do shon. Tha sinn an dòchas gum bi e cuideachail dhut mar leabhran-iùil, far am faigh thu dè na goireasan a bhios ri fhaotainn dhut agus mar sin, dè an seòrsa prògraim is urrainn dhut togail. Agus cuimhnichibh gun urrainn dhuinn taic a thoirt dhuibh am prògram agad a thoirt gu buil.

Ged a bhiodh e taghta nam biodh stiùideo clàraidh aig a h-uile mac màthar, cha bhi feum air uidheam daor a bhith agad — le uidheam shimplidh agus an cuideachadh againn, 's urrainn dhut an gnothach a dhèanamh. Agus, ma bhios e comasach dhuinn, 's urrainn dhut uidheam bunaiteach a gabhail air iasad bhuainn.

An toiseach, briog an ceangal seo gus am Program Submission Form a luadaich a-nuas. Lean am foirm leis an uiread fiosrachaidh sa ghabhas agus cuir e gu gng@acgamerica.org. Ath-sgrùdaidh sinn an innteart agad agus bidh sinn a' seanchas ann am beagan làithean.


Source: http://www.foramnagaidhlig.net/?page=35