Naidheachdan / News

Fòram na Gàidhlig > Naidheachdan / News

Tha an geama Widelands ri fhaighinn sa Ghàidhlig a-nis

12a dhen t-Samhainn 2016 11:38:17
Tùs: Fòram na Gàidhlig
Roinnean-seorsa: Geamannan - Games
widelands_screenshot_01.png widelands_screenshot_03.png widelands_screenshot_02.png widelands_screenshot_04.png
'S e geama ro-innleachd togail fìor-ama saor is open source a th' ann an Widelands le iomairtean aon-chluicheadair agus modh ioma-chluicheadair. Thug Settlers II™ (© Bluebyte) beachd air a' gheama seo dhuinn o thùs ach tha e mòran nas iom-fhillte is domhainn.
Tha thu 'nad cheannard cinnidh bhig. Is do dhleastanas tuineachadh thogail. Nì do mhuinntir obair gus barrachd stòrasan a chruinneachadh airson cur ris an fhàs.



Bheir Widelands modh aon-chluicheadair dhut le iomairtean a dh'innseas sgeulachdan nan treubhan agus an còmhstri ann an saoghal Widelands. Gidheadh, cha tòisich an tuineachadh dha-rìribh mus cluich thu còmhla ri do charaidean air an eadar-lìon no lìonra ionadail gus impireachdan ùra a thogail còmhla – no càch a chèile a cheannsachadh air a' bhlàr. Bheir Widelands inntinn fhuadain dhut cuideachd gus dùbhlan a thoirt ort.



Gheibh thu Widelands air widelands.org.


Source: http://www.foramnagaidhlig.net/?page=35