Naidheachdan / News

Fòram na Gàidhlig > Naidheachdan / News

Stellarium ⁊ briathrachas reul-èolais

7mh dhen Fhaoilleach 2017 10:50:53
Tùs: Fòram na Gàidhlig
Roinnean-seorsa: Bathar-bog - Software Briathrachas is Gràmar  - Words and Grammar
stellarium-screenshot1.png stellarium-screenshot2.png stellarium-screenshot3.png
On a tha sinn dìreach air grian-stad an t-samhraidh a chomharrachadh (no àm na Nollaige mas e Crìostaidh a th' annad), thàinig an t-àm gus pròiseact a bhrosnachadh a thòisich mi ag obair air o chionn cha mhòr ceithir bliadhna. 'S e seo ach Stellarium, bathar-bog amharc-lann phlanaidean a sheallas na chì thu nuair a choimheadas tu air na reultan. Tha e furasta cleachdadh, open source agus saor 's an-asgaidh.
Seallaidh Stellarium na speuran ann an dòigh fhìor-riochdail 3D mar a chìtheadh tu le do shùil lom no le prosbaig iad. 'S urrainn dhut a chleachdadh air a' choimpiutair agad fhèin no ann an amharc-lann phlanaidean agus gabhaidh fiù prosbaig a stiùireadh leis. Seo cuid dhe na gleusan a bheir Stellarium dhut:
  • Corr is 210 millean reul
  • Buidhnean reultan is sgead-dhealbhan nan reul-bhadan airson 20+ dualchas eadar-dhealaichte
  • Slighe Chlann Uisnich fhìor-riochdail
  • Dubhraidhean, èirigh is laighe na grèine
  • Na planaidean is na saidealan aca
  • Rionnagan-earbaill
  • Dealbhan de dhearganan-doireann (catalog Messier slàn)
  • Mòr-nòbhathan
  • Gabhaidh gnàthachadh

Ged a tha an eadar-aghaidh gu lèir ri a faighinn sa Ghàidhlig a-nis, tha obair ri a dèanamh fhathast gus eadar-theangachadh nan ainmean reultan a thoirt gu buil (tha corr is 2500 dhiubh ann is an t-eadar-theangachadh mu letheach slighe aig an àm seo) ach tha mi 'n dùil gu bheil an fheadhainn Shiarach coileanta a-nis.

Gheibh thu Stellarium o stellarium.org e.

Briathrachas reul-eòlais

Gus Stellarium eadar-theangachadh, rinn mi rannsachadh air briathrachas reul-eòlais, a' cleachdadh nan tùsan a tha air Duilleag "Na speuran" an t-Sàbhail Mhòir. Chuir mi toraidhean an rannsachaidh agam air loidhne mar fhaidhle csv (còdachadh: Siarach, Windows). Gabhaidh am faidhle fhosgladh le LibreOffice Calc no Microsoft Excel, mar eisimpleir.


Source: http://www.foramnagaidhlig.net/?page=35