Geama ùr: Flare - Empyrean Campaign

Naidheachdan   -   News

Leum gu duilleag:
Inbhir RSS airson na duilleige seo

Toraidhean an luirg

Seall na h-uile naidheachd air: Naidheachdan   -   News
 

Sealladh clò-bhualaidh Dèan ceangal dhan naidheachd seo

Geama ùr: Flare - Empyrean Campaign


Tùs: Fòram na Gàidhlig
Roinnean-seorsa: Geamannan - Games
flare-empyrean-screenshot1.png flare-empyrean-screenshot3.png flare-empyrean-screenshot5.png flare-empyrean-screenshot7.png
'S e geama riochd-chluiche action 2D a th' ann am Flare. Tha e caran coltach ri Diablo.



Seo Impirean, am baile sna speuran. 'S e dùn mòr a th' ann agus daingneachadh mu dheireadh nan daoine. Tha daoine an uachdair an dòchas gun dig an latha a thilleas iad gu Impirean. An dòchas gun sabaid gaisgeach ris an dorchadas.

flarerpg.org

Sealladh clò-bhualaidh Dèan ceangal dhan naidheachd seo

Geama brabhsair: Dreagan


Tùs: Dreagan air Scratch
Roinnean-seorsa: Geamannan - Games
dreagan-screenshot.png
Bha mi airson beagan spòrs an-diugh agus rinn mi geama eile le Scratch. Gabhaidh tlachd às!

Agus eadar dà sgeul, tha an cànan prògramachaidh Scratch deich bliadhna a dh'aois a-nis. Meal do naidheachd, a Scratch!

Sealladh clò-bhualaidh Dèan ceangal dhan naidheachd seo

Geama ùr dhuibh: Minecraft Realms


Tùs: Fòram na Gàidhlig
Roinnean-seorsa: Geamannan - Games
minecraft-screenshot1.png minecraft-screenshot3.png
Tha mi air geama eile eadar-theangachadh dhuibh le taic o Akerbeltz agus Zwalla28. Seo dreach dhen gheama mhòr-chòrdte Minecraft a th' ann a mhol eadar-theangadair Breatnach dhuinn on a ghabhas eadar-theangachadh gu saor agus seo Minecraft Realms.
minecraft-screenshot2.png
'S e geama a th' ann am Minecraft far an rùraich an cluicheadair mapa innsginneach a tha 'na blocaichean aig a bheil meud dhe meatair ciùbach. A bharrachd air na blocaichean, bheir an àrainneachd lusan, nàimhdean is nithean dhut. Cruinnich stòrasan sa gheama gus a thochladh, sabaid an aghaidh nàimhdean, blocaichean is acainnean ùra a dhèanamh. On a bhios saoghal fosgailte agad, 's urrainn dhut structaran a thogail no obair-ealain a chruthachadh agus iomadh gnìomh eile a dhèanamh air frithealaiche ioma-chluicheadair no 'nad aonar air na mapaichean agad fhèin.
minecraft-screenshot4.png
'S e seirbheis òstadh fhrithealaichean oifigeil a th' ann am Minecraft Realms a tha stèidhichte air fo-sgrìobhaidhean agus a leigeas leis na cluicheadairean na frithealaichean Minecraft prìobhaideach aca fhèin a chruthachadh 's a stiùireadh agus seo an aon tionndadh dhe Minecraft a ghabhas eadar-theangachadh gu saor. Tha Realms 'ga òstadh le Mojang, agus bheir e dòigh furasta is luath dhut gus frithealaichean a chruthachadh agus bheir e comas dhan òstair gus na frithealaichean a stiùireadh am broinn a' gheama gun fheum air eòlas air mar a dh'obraicheas òstadh air an eadar-lìon. Leigidh Realms le cluicheadairean taghadh o liosta dhe mheanbh-gheamannan cuideachd (a thèid ùrachadh le Mojang mu gach cola-deug) airson cluich gu sealach agus gheibh thu teamplaidean saoghail agus mapaichean dànachd is fidridh 'na chois cuideachd. Chan eil frithealaichean mòra poblach fainear Realms ach buidhnean de charaidean no teaghlaichean.
minecraft-screenshot5.png
'S urrainn dhut an geama a luchdadh a-nuas o Minecraft Realms is an tionndadh demo fheuchainn mus ceannaich thu e. Cuiridh tu a' Ghàidhlig air sa chlàr-taice "Options..." às dèidh an geama a thòiseachadh.

Sealladh clò-bhualaidh Dèan ceangal dhan naidheachd seo

Tha an geama Widelands ri fhaighinn sa Ghàidhlig a-nis


Tùs: Fòram na Gàidhlig
Roinnean-seorsa: Geamannan - Games
widelands_screenshot_01.png widelands_screenshot_03.png widelands_screenshot_02.png widelands_screenshot_04.png
'S e geama ro-innleachd togail fìor-ama saor is open source a th' ann an Widelands le iomairtean aon-chluicheadair agus modh ioma-chluicheadair. Thug Settlers II™ (© Bluebyte) beachd air a' gheama seo dhuinn o thùs ach tha e mòran nas iom-fhillte is domhainn.
Tha thu 'nad cheannard cinnidh bhig. Is do dhleastanas tuineachadh thogail. Nì do mhuinntir obair gus barrachd stòrasan a chruinneachadh airson cur ris an fhàs.



Bheir Widelands modh aon-chluicheadair dhut le iomairtean a dh'innseas sgeulachdan nan treubhan agus an còmhstri ann an saoghal Widelands. Gidheadh, cha tòisich an tuineachadh dha-rìribh mus cluich thu còmhla ri do charaidean air an eadar-lìon no lìonra ionadail gus impireachdan ùra a thogail còmhla – no càch a chèile a cheannsachadh air a' bhlàr. Bheir Widelands inntinn fhuadain dhut cuideachd gus dùbhlan a thoirt ort.



Gheibh thu Widelands air widelands.org.

Sealladh clò-bhualaidh Dèan ceangal dhan naidheachd seo

Siubhail an domhan le Pioneer


Tùs: Fòram na Gàidhlig.
Air a lorg le: GunChleoc
Roinnean-seorsa: Geamannan - Games
pioneer-screenshot1.png pioneer-screenshot2.png pioneer-screenshot3.png pioneer-screenshot4.png
Tha a' Ghàidhlig 'ga bruidhinn air feadh an domhain a-nis - air a' choimpiutair agad co-dhiù! 'S e geama dàna-thuras an fhànais a th' ann am Pioneer a chaidh a shuidheachadh san reul-chrios againne air toiseach an 31mh linn. Seo geama Open Source a tha ri fhaighinn an-asgaidh airson Windows, Linux is Mac.
pioneer-logo.png
Chan eil crìoch stèidhichte air a' gheama agus tha iomadh seòrsa beòshlainte ri fhaighinn am measg nan reultan. Bi an toir air cliù agus fortan a' rùrachadh milleanan de rianan-rèile. Rach 'nad eucoireach 's tusa ri spùinneadaireachd, cùiltearachd no sealg tasgail. Stèidhich is bris caidreachasan leis na buidhnean a tha a' sabaid airson cumhachd no saorsa. Tha an domhan na nì thu dheth.

Pioneer is a space adventure game set in our galaxy at the turn of the 31st century. The game is open-ended, and you are free to eke out whatever kind of space-faring existence you can think of. Look for fame or fortune by exploring the millions of star systems. Turn to a life of crime as a pirate, smuggler or bounty hunter. Forge and break alliances with the various factions fighting for power, freedom or self-determination. The universe is whatever you make of it.
Faigh Pioneer saor 's an-asgaidh air pioneerspacesim.net

Pioneer is freely available from pioneerspacesim.net


Roghainnean an t-seallaidh:
Bho:                
Gu:                
Roinnean-seòrsa:
Òrdugh a rèir:        
Leum gu duilleag:
Inbhir RSS airson na duilleige seo
An deasachadh mu dheireadh: 20mh dhen Chèitean 2018 19:24:04