MuseScore - Prògram ceòl-sgrìobhaidh

Naidheachdan   -   News

Leum gu duilleag:
Inbhir RSS airson na duilleige seo

Toraidhean an luirg

Seall na h-uile naidheachd air: Naidheachdan   -   News
 

Sealladh clò-bhualaidh Dèan ceangal dhan naidheachd seo

Tha Rèidio Guth nan Gàidheal a' sireadh taic


Tùs: Fòram na Gàidhlig.
Air a lorg le: sr3nitygirl
ameireagalogo.png
Tha Rèidio Guth nan Gàidheil a' sireadh daoine a chuireas ris na prògraman aca. Gheibh thu barrrachd fiosrachaidh air mar a thèid thu an sàs ann air an làrach-lìn aca.
Às-earrann:
Fhad 's a bhios Guth nan Gàidheal a' faighinn deiseil airson craolaidh, bidh buidheann beag saor-thoileach trang a' deasachadh ar prògraman toiseachail.

Chaidh Guth nan Gàidheal a chur air chois mar phròiseact saor-thoileach, le buill ACGA agus daoine eile nach eil an lùib anns a' bhuidheann ach aig a bheil ùidh anns a' Ghàidhlig 's iad a' dealbhachadh prògraman gus toileachas fhaotainn dhan a h-uile duine asta.

Agus 's urrainn dhutsa ar cuideachadh.

An do smaoinich thu riamh air craoladh réidio no am pod-chraoladh agad-fheìn a dhèanamh mu dheidhinn na Gàidhlig no dualchas nan Gàidheal (anns a' Ghàidhlig no anns a' Bheurla), no ma dh'fhaoidte an do bheachdaich thu air prògram rèidio agad fhèin ach an do chreid thu gu robh e thar do chomais?

Uill, tha cothrom agad a-nis . . .

Ma tha beachd-smaoin agad airson prògram Guth nan Gaidheal, carson nach bruidhinn thu ruinn mu a deidhinn? Faodaidh tu Program Submission Form iarraidh oirnn. Lìon am foirm agus cuir e air ais thugainn. Faighnichidh am foirm seo bun-cheistean dhut air do bheachd-smuain gus am faigh sinn tuigse nas fheàrr air do mholadh agus bidh na freagairtean cuideachail dhuinn nuair a tha sinn a' dèanamh co-dhùnadh. Ma bheir thu tuilleadh fiosrachaidh dhuinn mu dheidhinn do smaointean, bidh e nas fhasa dhuinn roghainn a chur nam biodh sinn comasach a dhol air adhart.

Chan eil e gu diofair nach eil gnàth-eòlas ann an clàradh-claisneachd agus cinneasachadh prògraman agad oir tha sinn air Program Production Guide (PPG) a sgrìobhadh air do shon. Tha sinn an dòchas gum bi e cuideachail dhut mar leabhran-iùil, far am faigh thu dè na goireasan a bhios ri fhaotainn dhut agus mar sin, dè an seòrsa prògraim is urrainn dhut togail. Agus cuimhnichibh gun urrainn dhuinn taic a thoirt dhuibh am prògram agad a thoirt gu buil.

Ged a bhiodh e taghta nam biodh stiùideo clàraidh aig a h-uile mac màthar, cha bhi feum air uidheam daor a bhith agad — le uidheam shimplidh agus an cuideachadh againn, 's urrainn dhut an gnothach a dhèanamh. Agus, ma bhios e comasach dhuinn, 's urrainn dhut uidheam bunaiteach a gabhail air iasad bhuainn.

An toiseach, briog an ceangal seo gus am Program Submission Form a luadaich a-nuas. Lean am foirm leis an uiread fiosrachaidh sa ghabhas agus cuir e gu gng@acgamerica.org. Ath-sgrùdaidh sinn an innteart agad agus bidh sinn a' seanchas ann am beagan làithean.

Sealladh clò-bhualaidh Dèan ceangal dhan naidheachd seo

A' cruthachadh trusadh bhideothan air YouTube


Tùs: YouTube
Thòisich sinn air bhideothan sa Ghàidhlig a thrusadh air YouTube. Tha leudachadh an-còmhnaidh a dhìth is cuiridh sinn fàilte air moladh bhideothan tro post-d no air a' bhòrd-bhrath againn no air an t-sianal YouTube againn fhèin.

We have started collecting Gaelic language videos on Youtube. We are always looking for more, so if you have a suggestion, please let us know per e-mail, on our messageboard, or directly on our YouTube channel.

http://www.youtube.com/user/foramnagaidhlig

Sealladh clò-bhualaidh Dèan ceangal dhan naidheachd seo

BBC Alba ri fhaighinn air Virgin a-nis


Tùs: Fòram na Gàidhlig.
Air a lorg le: Níall Beag
Tha BBC Alba air Virgin a-nis, sianal 188.

BBC Alba is now on Virgin, channel 188.

Sealladh clò-bhualaidh Dèan ceangal dhan naidheachd seo

BBC Alba a' tighinn gu Freeview - BBC Alba to be shown on Freeview


Tùs: MG Alba.
Air a lorg le: Níall Beag
Às-earrann:

MG ALBA A' CUR FÀILTE AIR AN NAIDHEACHD GUM BI BBC ALBA AIR FREEVIEW

Tha a' cho-bhanntachd eadar am BBC agus MG ALBA a tha a' ruith BBC ALBA an-diugh air fàilte a chur air co-dhùnadh Urras a' BhBC an t-seanail a chur air Freeview.
Às-earrann:

BBC Alba to be shown on Freeview

The Gaelic language service BBC Alba will be available on Freeview in Scotland following a review by the BBC Trust.

Sealladh clò-bhualaidh Dèan ceangal dhan naidheachd seo

Dàil air co-dhùnadh mu BhBC Alba


Tùs: BBC Alba.
Air a lorg le: Níall Beag
Chan eil Urras a' BhBC air co-dhùnadh sam bith a dhèanamh fhathast mu co-dhiù bu chòir sianal diodsiteach na Gàidhlig, BBC Alba, a chur air Freeview.

leug tuilleadh...


Roghainnean an t-seallaidh:
Bho:                
Gu:                
Roinnean-seòrsa:
Òrdugh a rèir:        
Leum gu duilleag:
Inbhir RSS airson na duilleige seo
An deasachadh mu dheireadh: 30mh dhen Iuchar 2018 15:22:37