Tachartasan – Events
An Comunn Gàidhealach Ameireaganach strives to promote and preserve the Gaelic language and culture by supporting Gaelic language study and interest in Gaelic literature, song, music, art and history in North America and the world.
Tha Comunn Gàidhlig Astràilia na bhuidheann coimhearsnachd neo-phrothaideach a tha a' misneachadh cànan is cultar nan Gaidheal ann an Astràilia. Bhiodh iad toilichte a bhith a' cluinntinn bho dhuine sam bith le ùidh anns na nithean sin. Tha a' bhallrachd air a dèanamh an-àirde an dà chuid de dh'fhileantaich agus de luchd-ionnsachaidh. Tha buill aca à feadh Astràilia agus thall thairis. Tha iad a' foillseachadh an ràitheachan An Teachdaire Gaidhealach a tha air a chur a-mach gu na buill uile. Bidh iad a' cur co-chruinnichean is tachartasan cultarail is clasaichean air dòigh bho àm gu àm.
Cuiridh An t-Oisean ann am Baile Eoghainn tachartasan is clasaichean air dòigh
Se còmhlan buidhnean agus pearsachan air leth aig a bheil ùidh anns an àm ri teachd aig an t-saoghal Gàidhlig Dhùn-Èideann a th' ann an Compàirteachas Dhun-Èideann. 'S e stiùireadh air leasachadh agus air toirt gu buil a' Phlana Gàidhlig Dhùn-Èideann a' phrìomh ghnothach aca.
Tha am buidheann seo ag iarraidh na Gaidhlig a neartachadh ann an sgire Earra-Ghaidheal agus gu sonraichte na dual-chainntean a bhrosnachadh. Cuiridh iad clasaichean cànain air dòigh.
This group aims to encourage the acquisition and use of Scottish Gaelic in the beautiful region of Argyll (meaning the coastland of the Gael) with it's 26 inhabited islands. Furthermore they want to preserve the few remaining dialects in an area that once was the heartland of the Gaelic tongue. Check their page for Gaelic classes in the area.
Tha e furasta dìochuimhneachadh gu bheil Gàidhlig ann an Rìoghachd Fìobha agus gu bheil daoine a' fuireach ann aig a bheil an cànan bho thùs no a tha ga h-ionnsachadh. Ach chan eil cothroman gu leòr aig daoine a tha fileanta an cuid Gàidhlig a chur gu feum an seo. 'S e sin an t-adhbhar a chuir mi Cearcall Còmhraidh Fìobha air dòigh– gus taic a thoirt do luchd-ionnsachaidh 's cothroman còmhraidh a chruthachadh do dh'fhileantaich.
Chaidh Acadamaidh na Gàidhlig sa' Ghearmailt a stèidheachadh 'san Dubhlachd 2002 ann am Bonn. Is e an aon institiùd a tha a' tabhann cùrsaichean cànain, ciùil agus òran Gàidhlig anns a' Ghearmailt.
Is e buidheann a th'anns An Lòchran a chaidh a chuir air bhonn ann an 1999 gus ealain agus cultar Gàidhlig ann an Glaschu adhartachadh agus a leasachadh agus gus làthaireachd sheasmhach fhaicinnseach a stèidheachadh do na h-ealain Ghàidhlig anns a bhaile.
An Lòchran is a non profit organisation which exists to develop and promote the Gaelic arts in Glasgow, and to establish a Gaelic cultural centre in the city
Fàilte ron a h-uile duine aig a bheil ùidh ann an còmhradh no ionnsachadh na Gàidhlig tighinn dhan tachartas neo-fhoirmeil seo (mar as trice air an Disathairne mu dheireadh den mhìos). Cha Clì Gàidhlig 'gan cur air dòigh.
Tha cearcall còmhraidh is cearcall seinn aig Oilthigh Obar Dheathain.
Is e buidhnean coimhearsnachd tro mheadhan na Gàidhlig do chloinn aois 5-12 bliadhna a tha ann an Sradagan. Tha Sradagan a' toirt cothroim do chloinn an sgilean Gàidhlig a leasachadh an co-chomann le daoine eile. Tha seo gu sònraichte cudromach do chloinn aig nach eil sgeul air Gàidhlig ach san sgoil. Tha Sradagan mar dhrochaid eadar sgoiltean is a' choimhearsnachd. Tha clann gam misneachadh gu bhith cleachdadh an Gàidhlig ri diofar dhaoine an diofar shuidheachaidhean agus earbsa ghlacadh nan comas Gàidhlig a chur gu feum.
An deasachadh mu dheireadh: 15mh dhen Ògmhios 2022 11:57:48