An Cuibhle Mor

runrig-the-big-wheel.jpg
 
The Big Wheel

Faclan aig Calum is Ruairidh Dòmhnallach

Sealladh clò-bhualaidh


Na cuibhlichean a' tionndadh
An rathad deas agus tuath
Na cuibhlichean a' gluasad
Mar tha 'saoghal, iad a' tionndadh mun cuairt

Glaschu. Dùn Èideann. Inbhirnis. Sruighlea.

Na cuibhlichean a' tionndadh
Gach dùthaich muir agus tìr
Tro' ghleanntan tro' bhailtean
a dh' ionnsaigh an àite agaibh fhèin

Steornabhagh. Obar Dheadhain.
An Gearasdan. Dun Deagh.
Lunnainn. A' Ghearmailt
Eirinn. Ameiriga.

An cuibhle mòr nach stad gu bràth
Tionndadh òganaich gu aois
A-nochd tha 'n rathad mòr nar coinneamh
Gun àm ann ach an dràsd

An cuibhle mòr, an cuibhle mòr

'S ioma là chaidh seachad
A ghaoth a seideadh tro an ùir
'S ioma là bha a' ghrian ag èirigh oirnn
Seasamh anns an eòrna nuair a bha sinn òg
Aghmhor. Aghmhor.
A' ruith tro na raointean 's iad a' fàs
Abaich, òrach
Coimhead ri na speuran
'S ioma là, 's ioma là, 's ioma là
Feitheamh 'son a chuairt

An cuibhle mòr, an cuibhle mòr
An deasachadh mu dheireadh: 2a dhen Mhàrt 2014 12:55:53
© 1991 Chrysalis Music. Gan cleachdadh le cead.