Abhainn an t-Sluaigh

runrig-the-big-wheel.jpg
 
The Big Wheel

Faclan aig Calum is Ruairidh Dòmhnallach

Sealladh clò-bhualaidh


Chan eil an t-adhar os cionn Lunnainn
A-nochd soilleir no dorch
Fada bho abhainn an t-sluaigh

Gun sgeul air coinneal mòr latha
No reultan na h-oidhche
Fada bho abhainn an t-sluaigh

An seo 's am baile gun chadal
Gun fhois is gun saorsa
Fada bho abhainn an t-sluaigh

Casan a' gluasad
An abhainn an tuil
Fada bho abhainn an t-sluaigh

Na cuibhlichean, 's cabhaig
A' tionndadh gun sgur
Fada bho abhainn an t-sluaigh

Cus ag adhradh beairteas
Aig altair an t-shaoghail
Fada bho abhainn an t-sluaigh

Càch gun dòchas gun dachaigh
Air sraidean gun ghaol
Fada bho abhainn an t-sluaigh

Leis gach dath is gach creideamh
Gach cainnt às gach cearn
Fada bho abhainn an t-sluaigh

Gach ceist is gach freagairt
sios an abhainn gu cuan
Fada bho abhainn an t-sluaigh ( x6 )
An deasachadh mu dheireadh: 2a dhen Mhàrt 2014 12:52:17
© 1991 Chrysalis Music. Gan cleachdadh le cead.