Air a' Chuan

runrig-heartland.jpg
 
Heartland

Faclan aig Calum is Ruairidh Dòmhnallach

Sealladh clò-bhualaidh


Tha am ball air fhuasgladh
Is tha sinn a' gluasad
Air a' chuan, air a' chuan
Tha sinn a' seòladh
Tro thonnan uaine
Air a' chuan, air a' chuan

Air cùrsa deònach
Tha sinn a' seòladh
Air a' chuan, air a' chuan
Fad bho thir
Is an talamh aghmhor
Air a' chuan, air a' chuan

Is mi a' sealltainn mun cuairt
Is mi cho fada bhuat
Càil ach muir, tonnan is cuan
O mo rùn

Tha a' ghaoth a' sèideadh
Nan tonnan fiadhaich
Air a' chuan, air a' chuan
Tro thonnan fiadhaich
Is droch shìde
Air a' chuan, air a' chuan

Cho domhain an cuan
Cho luachmhor an uair
Nach mair fada buan
O mo rùn

Sinn a' treabhadh
Tron an oidhche
Air a' chuan, air a' chuan
Siubhal sàbhailteachd
Is madainn shunndach
Air a' chuan, air a' chuan

Thig crìoch air an t-saoghal
Is thig crìoch air daoin'
Ach mairidh ceòl is mairidh gaol
O mo rùn
An deasachadh mu dheireadh: 2a dhen Mhàrt 2014 12:52:29
© 1985 Storr Music. Gan cleachdadh le cead.