Alba

runrig-the-cutter-and-the-clan.jpg
 
The Cutter and the Clan

Faclan aig Calum is Ruairidh Dòmhnallach

Sealladh clò-bhualaidh


Air sgiath a' seòladh nan neòil
'S an domhain liath
Mar dhealbh a' tighinn beò tro na sgòthan

'S mi a' tilleadh gu tìr

Alba nam beanntan àrd
Nan acraichean lom
Thairis air na lochan mointich
Nan coilltean 's nan gleann

Alba

Ach 's e sealladh leòinte is gann
Tha an seo aig ceann thall an linn
Talamh àlainn nan daoine
Fhathast an làmhan duine no dithis

Cuibhlean stolda mu dheas
Na fasaichean a' tuath
An taigh-mòr falamh an Dùn-Èideann
Gun chumhachd gun ghuth

Alba

Sibhse chuir achadh ri achadh
Taigh ri taigh
Gus nach bi àite anns an tìr
'S an gabh sibh còmhnaidh air leth

Ach 's math dhomh bhith seo an dràsd
A' cur fàilt air a' bhlàths
'S an tìr a tha cho ùr dhomh an diugh
Is a bha i nuair bha mi 'nam phàisd
An deasachadh mu dheireadh: 2a dhen Mhàrt 2014 12:52:59
© 1987 Chrysalis Music. Gan cleachdadh le cead.