An Ataireachd Ard

runrig-heartland.jpg
 
Heartland

Faclan aig D. MacIver is J. Macdonald 1857-1935

Sealladh clò-bhualaidh


An ataireachd bhuan
Cluinn fuaim na h-ataireachd àird
Tha torunn a' chuain
Mar chualas leam 's e nam phàisd
Gun mhùthadh gun truas
A sluaisreadh gainneamh na tràgh'd
An ataireachd bhuan
Cluinn fuaim na h-ataireachd àird

'S na coilltean a siar
Chan iarrain fuireach gu bràth
Bha m' inntinn 's mo mhiann
A-riamh air lagan a' bhàigh
Ach iadsan bha fial
An gnìomh an caidreamh 's an àgh
Air sgapadh gun dìon
Mar thriallas ealtainn roimh nàmh

Ach siubhlaidh mi uat
Cha ghluais mi tuilleadh 'nad dhàil
Tha m' aois is mo shnuadh
Toirt luaidh air giorrad mo là
An àm dhomh bhi suaint
Am fuachd 's an cadal a' bhàis
Mo leabaidh dèan suas
Ri fuaim na h-ataireachd àird
An deasachadh mu dheireadh: 2a dhen Mhàrt 2014 12:53:29
© Gairm Publishing.