Chi Mi'n Geamhradh

runrig-play-gaelic.jpg
 
Play Gaelic

Faclan aig Calum Dòmhnallach

Sealladh clò-bhualaidh


Chì mi 'n geamhradh anns a' ghaoith
Chaneil an sneachd' fada bhuainn
Sgòthan dorch' 's na craobhan rùisgte
Tha an oidhche nochd fuar

Shaoilinn fhèin gur ann an dè
Bha teas an t-samhraidh 'gar leaghadh
Fad an fheasgair air an dùn
'S tu laighe leisg ri mo thaobh

'S iomadh oidhch' a rinn sinn suiridhe
'S iomadh oidhch' a rinn sinn gàir
'S iomadh oidhch' a bhithinn a' smuaintinn
Gum bitheadh tu còmhla rium gu bràth

Chan fhan a' ghrian fad na bliadhna
Cha sheas an uair mar a tha i
Dh' fhalbh thusa dhan a' cheò
'S dh' fhàg thu mi le mo gheamhradh

'S iomadh oidhch' a rinn sinn suiridhe
'S iomadh oidhch' a rinn sinn gàir
'S iomadh oidhch' a bhithinn a' smuaintinn
Gum bitheadh tu còmhla rium gu bràth
An deasachadh mu dheireadh: 2a dhen Mhàrt 2014 12:55:06
© 1978 Isa Music. Gan cleachdadh le cead.