Cho Buidhe Is A Bha I Riabh

runrig-in-search-of-angels.jpg
 
In Search of Angels

Faclan aig Calum is Ruairidh Dòmhnallach

Sealladh clò-bhualaidh


Tha an rathad a' ruith gu tuath
Gleanntan sgapte air gach taoibh
A' ghrian tro ghiuthas nam mòr-shliabh
Saigheadan òir dhar leòn an àgh
Thuirt m' anam rium, "Nach tèid thu a-null
Cuir eallach is cruaidh-chàs air do chùl
Is gun cur an t-àite sealach fàilte oirnn
Is bi mi còmhla riut an dràsd"

Sunndach a tha mi
Tron oighreachd bhòidheach, bhòidheach bhuan
Bha thu daonnan na mo smuaint
Tro laithean ìseal is bristeadh-cridhe
Tog orm mo chiall, tog orm mo bhith
Le cridhe aodrom, cridheil, ciùin
A liuthad cuan a ghiulain do dhaoine
Is iad a' triall na slighe bhuat

Is ged tha an saoghal dol bun os cionn
Is astar bhliadhnaichean tighinn oirnn
Is ged tha mo dhùil ag èirigh suas
Is iomadh sgurr a bhios fo sgleò
Ach tha na sìontan liath, is na sìontan blàth
Le blàths cho diamhair is nach gabh e inns
Is tha an lus tha fàs air croit Dhomnaill Bhàin
Cho buidhe an-diugh is a bha i riamh
An deasachadh mu dheireadh: 2a dhen Mhàrt 2014 12:55:22
© 1999 Chrysalis Music. Gan cleachdadh le cead.