Cum 'Ur N'aire

runrig-play-gaelic.jpg
 
Play Gaelic

Faclan aig Calum Dòmhnallach

Sealladh clò-bhualaidh


Tha na geòidh ag éirigh bhon a mhachair
Tha na h-uain a ruith 's leum air cùl na h-achadh

Ach tha thusa neisd na d' chall 's a' bhaile
Ach na fairich gu bràth nad aonrachd ann

Cum ur cum ur cum ur n'aire
Air an iar 's air an àite a dh' fhàg sibh
'S cuimhnich cuimhnich gu robh agaibh
Dualchas àraid agus luachmhor ann.

Tha na solais oidhche neisd na d' choinneamh
Tha d' ghealach neisd gach dath 's gach seòrsa
Ach na coimhead ach le aon sùil orra
Gu 'm fàg iad mealltach dall thu

Cum ur cum ur cum ur n'aire
Air an iar 's air an àite a dh' fhàg sibh
'S cuimhnich cuimhnich gu robh agaibh
Dualchas àraid agus luachmhor ann.
An deasachadh mu dheireadh: 2a dhen Mhàrt 2014 12:56:05
© 1978 Isa Music. Gan cleachdadh le cead.