Da Mhile Bliadhna

runrig-in-search-of-angels.jpg
 
In Search of Angels

Faclan aig Calum is Ruairidh Dòmhnallach

Sealladh clò-bhualaidh


Fo na gealaichean
Air rathad dà mhìle bliadhn'
(Thoir dhuinn an àireamh nuadh
Na laithean buan)

Cò chreideadh na dh' fhairich sinn
'S na chunnaic sinn ri ar linn

Dh' fhàs am fàsach suas
Far an do chuir sinn sìol ar nàire

Dileab mòr nan daoine
An t-acras is am pathadh


Anns an aineolas
Chaidh ar gàirdeachas air chall

Dà mhìle bliadhna
Air an rathad leathainn mhall

Tha mi dìreadh a' chnuic as àird'
Airson sealladh, dhan an talamh
Air cùl a' ghlinne taobh eile thall


Air sràidean baile a mhaireas
An là nach criochnaich is nach gluais

Tro na h-àireamhean
Mar fhàradh thèid sinn suas

Anns an dealachadh
Atharraichidh sinn am priobadh sùil

Thoir dhuinn an àireamh nuadh
Na laithean buan
An deasachadh mu dheireadh: 2a dhen Mhàrt 2014 12:56:17
© 1999 Chrysalis Music. Gan cleachdadh le cead.