Faileas Air An Airigh

runrig-proterra.jpg
 
Proterra

Faclan aig Calum is Ruairidh Dòmhnallach

Sealladh clò-bhualaidh


Tha faileas air an airigh
Faileas air an airigh
Tha 'n long a-muigh 'ceann a bhàigh
Air madainn Chèitean tràth

Tha grian ar cuimhne ag èiridh
Grian ar cuimhne ag èiridh
A' siubhal sràidean dùthaich ghalld'
Tro bhailtean saoghal chèin

Tha 'm feasgar ciùin 's na siantan blàth
Tha grian 's an iar mar mheall de'n òr
An cuan mar sgathan gorm gun sgleò
Is bu mhòr mo mhian bhi 'n Uibhist leat

Togaidh sinn ar fonn an àrd
Togaidh sinn ar fonn an àrd
'S ged' tha mi fada bhuat
Cha dhealaich sinn a' chaoidh
An deasachadh mu dheireadh: 2a dhen Mhàrt 2014 12:57:11
© 2003 Chrysalis Music. Gan cleachdadh le cead.