Fichead Bliadhna

runrig-the-highland-connection.jpg
 
The Highland Connection

Faclan aig Calum is Ruairidh Dòmhnallach

Sealladh clò-bhualaidh


Ruith 's a mhonadh - Ruith nam beann
'S mar sin dhan sgoil aig deireadh samhraidh
'Nar clann - Aig còig bliadhna dh' aois
'S gun facal Beurla 'nar ceann

Seo do leabhar - Seo do pheann
"Dean do leasan," thuirt iad riumsa
"'S gun èirich sibh suas anns an t-saoghal
'S gheibh sibh air adhart ann"

Fichead bliadhn' airson firinn
B' fheudar dhomh feitheamh
'S b' fheudar dhomh lorg
Fichead bliadhn' de bhreugan
Thug iad eachdraidh air falbh bhuainn

Dh' ionnsaich sinn a leithid ann
Cànan 's bàrdachd, bàrdachd Bheurla
Ceòl na Gearmailt - Eachdraidh na Spainnt
'S b' e sin an eachdraidh mheallt

Bhon sgoil don oilthigh chaidh sinn ann
A' leantail foghlum, tuilleadh foghlum
Mar amadan air deireadh streang
Seòrsa de dh' fhoghlum nam cheann

Ach dh' èirich mi suas anns an t-saoghal
Fhuair mi deise is fhuair mi leine
Fhuair mi àite ann an sùilean dhaoin'
Fada bhon mhonadh mi 'n dràsd

Carson a chùm iad eachdraidh bhuainn?
Innsidh mi dhut, tha iad gealltach
Mas èirich clann nan Gaidheal suas
Le ceistean sireach is cruaidh

Nuair a thòisich mi air lorg
Cha do chreid mi mo shùilean
Obair olc
Fichead bliadhn' 's mi aineolach
An deasachadh mu dheireadh: 2a dhen Mhàrt 2014 12:57:24
© 1979 Storr Music. Gan cleachdadh le cead.