An t-Iasgair

runrig-the-greatest-flame.jpg
 
The Greatest Flame

Faclan aig Calum is Ruairidh Dòmhnallach

Sealladh clò-bhualaidh


Sheas e shìos air an traigh
Aig cliathaich an t-saoghail
Is dh' fhàg e chuid teaghlaich
Is chuir e an dachaidh air chùl
Is thog e lìon mòr 'na dhòrn
Ri taobh nan uisgeachan buana
Is thilg e mach fad iad
Tarsainn a' chuain

Bha na faileasan pailt
Air sraidean baile nan gall
Is iomadh olc a bha feitheamh
Ann fo sholais na h-oidhche
Ach aig briseadh-latha
Seòladh a mach anns an liath
Tha fir mhòra an eilean
A' leantainn am beatha

Is cuimhne leam an oidhche
Cha robh an t-slighe ach doirbh
Bha thu strì tro na cuantan
Bha thu cho airidh air
Is ged bha an stoirm cho garbh
Tonnan dobhaidh gun truas
Cha do dh' fhairich thu ann
Ach fois agus saorsa
An deasachadh mu dheireadh: 2a dhen Mhàrt 2014 12:58:42
© 1993 Chrysalis Music. Gan cleachdadh le cead.