Mairi

runrig-the-highland-connection.jpg
 
The Highland Connection

Faclan aig Calum is Ruairidh Dòmhnallach

Sealladh clò-bhualaidh


Dorch an nochd tha 'n t-Eilean
Dathan air am fuadach far nam beann
Tha faileas a' tuiteam bhon an Stòr
Mar t-fhalt dorch a suabadh do cheann

Horo Mhàiri o
Horo Mhàiri o
Horo Mhàiri o
'S mi gad ionndrain ho ro

Dè math an tobar gun an t-uisge
Dè math an corp gun cridh'
Nam biodh neart an Stòir 'nam làmhan
Bhiodh sinn le 'r chèile 's an Eilean a rithist

Horo Mhàiri o
Horo Mhàiri o
Horo Mhàiri o
'S mi gad ionndrain ho ro

'S dòch nach fhaigh sinn neamh no beatha eile

Nuair a dhuineas sùilean aig deireadh lath
Ach fhuair mi mo neamh an seo 's an àite
Far an d' thug thu dhomh do làmh 's do cridhe slàn

Horo Mhàiri o
Horo Mhàiri o
Horo Mhàiri o
'S mi gad ionndrain ho ro
An deasachadh mu dheireadh: 2a dhen Mhàrt 2014 12:59:48
© 1979 Storr Music. Gan cleachdadh le cead.