O Cho Meallt

runrig-heartland.jpg
 
Heartland

Faclan aig Calum is Ruairidh Dòmhnallach

Sealladh clò-bhualaidh


Nuair a bha sinn òg is saor
Thòisich sinn a seinn 's a Ghàidhlig
Snìomh ceòl is a sgrìobhadh òrain
'S a cluich 'nar còmhlan 'son ar beòshlaint
O cho meallt is a tha an saoghal

Dh' fhàg sinn eileanan an iar
'S thòisich sinn a cluich tro Alba
Is bha gnothaichean mar bu chòir
Gun do nochd an duine mòr à Lunnainn
O cho meallt is a tha an saoghal

"Abair ceòl a th' agaibh an-seo
O nach tig sibh còmhla riumsa
Is nì sinn adhardas tron an t-saoghal
Dìreach cuir t-ainm aig bonn a' phaipear"
O cho meallt is a tha an saoghal

"Chan atharraich mi an ceòl agaibh ann
Chan atharraich mi na h-òrain Ghàidhlig"
Ach chuala sinn mu dheireadh thall
Na breugan 's na faclan falamh
O cho meallt is a tha an saoghal

Sibhse a tha òg agus saor
Stad mas cuir sibh ainm ri paipear
Is cùm a-mach sùil 'son nan daoine mòra
An saoghal fuar tha ag adhradh airgead
O cho meallt is a tha an saoghal
An deasachadh mu dheireadh: 2a dhen Mhàrt 2014 13:00:36
© 1985 Storr Music. Gan cleachdadh le cead.