Oran

runrig-the-stamping-ground.jpg
 
The Stamping Ground

Faclan aig Calum is Ruairidh Dòmhnallach

Sealladh clò-bhualaidh


Anail mo bheatha,
Anail mo bhithe
(Anail mo bheatha)
A' gairm nam anam
'S a togail mo chridhe
('S a togail mo chridhe)

'S mi nam sheasamh ma d' choinneamh
Gun fhiamh, gun mhiann
('S mi nam sheasamh ma d' choinneamh)
Thig uallach na maidne
Nuair dh' èireas a 'ghrian
(Nuair dh' èireas a 'ghrian)

Òran, naomha, buan
Tog gu h-àrd guth an t-sluaigh
Òran, tha mi rèidh
Èirich, èirich, bharr an t-sleibh

Tha an salm mar lasair
A' boillsgeadh gach àite
(Tha an salm mar lasair)
Dh' fhosgail mo bhilean
Nuair thòisich an latha
(Nuair thòisich an latha)

Òran, naomha, buan
Tog gu h-àrd guth an t-sluaigh
Òran, tha mi rèidh
Èirich, èirich, bharr an t-sleibh

Seinn, seinn, seinn
Òran ùr, òran an ùir
An deasachadh mu dheireadh: 2a dhen Mhàrt 2014 13:00:50
© 2001 Chrysalis Music. Gan cleachdadh le cead.