A Reiteach

runrig-proterra.jpg
 
Proterra

Faclan aig Calum is Ruairidh Dòmhnallach

Sealladh clò-bhualaidh


Bi mo leannan geal is àlainn
Le briathran geallaidh thar chaich
Bi sinn drùidhte an smùid an aoibhnis
An oidhche phòsas mo rùn

Nam shuidhe cluinntinn ceòl a' rèitich
'S duilich cur an aghaidh dàn
A' feitheamh son a làmh a mhaireas
An oidhche phòsas mo rùn

Tog glainne mhòr na slàinte
Thoir an cearcall chun an làr
Thèid sinn cuairt taobh cùil na gealaich
An oidhche phòsas mo rùn

Tha i na seasamh aig a' rèiteach
Thèid na reultan bun os cionn
'S thèid a ghrian air chall gu madainn
An oidhche phòsas mo rùn

Togaidh sinn horo ghealaidh
Horo ghealaidh horo togaidh
Sinn horo ghealaidh
Horo ghealaidh horo
An deasachadh mu dheireadh: 2a dhen Mhàrt 2014 13:01:28
© 2009 Chrysalis Music. Gan cleachdadh le cead.