An Sabhal Aig Neill

runrig-the-stamping-ground.jpg
 
The Stamping Ground

Faclan aig Calum is Ruairidh Dòmhnallach

Sealladh clò-bhualaidh


Craiceann searrach agus òr
Thall aig an sabhal, an sabhal aig Nèill
'S e siud an sgeul na Ath-mhòr
Thall aig an sabhal, an sabhal aig Nèill
'S iomadh là, 's iomadh là, chaidh sinn suas ga h-iarraidh
Thall aig an sabhal, an sabhal aig Nèill
Le crap spaid is puchaid iarainn

Tha na gillean ruith gun sguir
Thall aig an sabhal, an sabhal aig Nèill
Ginealachan, ginealachan, snìomh ma mo shùilean
Thall aig an sabhal, an sabhal aig Nèill
Sibhse a sheas aig ceann a bhathaich
Thall aig an sabhal, an sabhal aig Nèill
Tha sibh air m' inntinn gach là

Innse sinn an sgeul dhan chlann
Thall aig an sabhal, an sabhal aig Nèill
An àite seileach barr a bheann
Thall aig an sabhal, an sabhal aig Nèill
'S iomadh là, 's iomadh là, bhitheas e air 'n inntinn
Thall aig an sabhal, an sabhal aig Nèill
An sgeul a mhaireas ri gu sìorraidh

Horo eiribh o
Horo ro bho, ro ho-ro
An deasachadh mu dheireadh: 2a dhen Mhàrt 2014 13:02:38
© 2001 Chrysalis Music. Gan cleachdadh le cead.