Thairis Air A Ghleann

runrig-mara.jpg
 
Mara

Faclan air Calum is Ruairidh Dòmhnallach

Sealladh clò-bhualaidh


Choimhead mi ri m' chùl
Gun neimh gun truas
Làrach mo chasan mu sgaoil
'S iad a' triall tron an ùir
Gu tòiseach 's gu deireadh uair
'S gu na laithean soilleir buan
Thairis air a' ghleann

O molaidh sinn
An gaol 's an gràs
A thug dhuinn bith
Cho umhail fo ghrèin
'S i dealradh sìos
Air reultan cèin

Thàinig thu nuas
Gu fàsach truagh
'S thog thu am faileas bhon a' ghleann
Buidheachas is nàire
An tomhas air gach làimh
Togaidh sinn do chliù an àird
Air slighe Dhè

(Sèist)

(Sèist)
An deasachadh mu dheireadh: 2a dhen Mhàrt 2014 13:04:20
© 1995 Chrysalis Music. Gan cleachdadh le cead.